Facaltaidh slàinte
Am beachd slàinte na dùthcha a leasachadh?
Beachdaich air OGE.
Bidh cruinn-eòlas na sgìre a’ bualadh air an dòigh anns an tèid cùisean slàinte agus sòisealta a làimhseachadh, agus tha sin a’ gabhail a-steach trèanadh do luchd-cleachdaidh. Bidh Facaltaidh na Slàinte a’ tabhann farsaingeachd de chothrom CPD air leth do luchd-proifeiseanta ann an slàinte, foghlam agus obair shòisealta.
Ma tha thu airson a dhol a-steach gu cuspair dùbhlanach, tha cùram slàinte ann an ceàrnaidh cho eadar-mheasgte na shuidheachadh air a bhith a-riamh na phrìomh dheuchainn dhan Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha na cùrsaichean againn a’ coinneachadh ri na dùbhlain sin bho taobh a-staigh na sgìre an àite bhith ag amharc air fuasglaidhean neo-obrachail bhon taobh a-muigh.
Coileanaidh tu na prògraman againn le prìomh eòlas sgìreil is tuigse a bheir cothrom dhut dèiligeadh ri duilgheadasan cùram slàinte na sgìre. Tha eileamaidean nan cùrsaichean againn (leithid cùram sòisealta) a’ toirt aire cuideachd do aigne choimhearsnachd na sgìre.
Tha ar modh-lìbhrigidh sùbailte a’ fosgladh chothroman ionnsachaidh dha luchd-proifeiseanta gus an eòlas practaigeach is teòiridheach adhartachadh ann an slàinte dhùthchail, soirbheas is smachd ghalar, am measg chùisean eile co-cheangailte ri slàinte, a leasachadh. Tha modalan sònraichte, mar làimhseachadh tinneas an t-siùcair, air an dealbhachadh a bhith freagarrach dhan fheadhainn a tha ag obair, a’ toirt dhut cothrom a bhith ag ionnsachadh san ùine agad fhèin.
Faic ar cùrsaichean (Beurla) ri fhaotainn bho fhacaltaidh na slàinte:
- Seirbheisean cùram (Beurla)
- Slàinte (Beurla)
- Slàinte beòil (Beurla)
- Cùram sòisealta (Beurla)
- Làimhseachadh tinneas an t-siùcair (Beurla)
- Smachd ghalar (Beurla)
- Dì-shalachadh innealan meidigeach (Beurla)
- Maise (Beurla), gruagaireachd (Beurla) agus tearapaidhean co-cheangailte (Beurla)
Faigh a-mach mu mhodh-gabhail ro-innleachdail OGE mu ionnsachadh agus teagasg (Beurla) agus fiosrachadh co-cheangailte.
Rannsachadh
Ionad airson Slàinte Dhùthchail
Chaidh an t-Ionad airson Slàinte Dhùthchail (CRH) (Beurla - uinneag ùr) a
chruthachadh gus ar eòlas air slàinte agus seirbheisean slàinte ann an
coimhearsnachdan dùthchail agus iomallach a dh’ àrdachadh. Tha CRH cuideachd
air a’ phròiseact Older People for Older People
(O4O) (Beurla) a stèidheachadh gus toirmeasg sòisealta a chòmhrag agus
slàinte agus fallaineachd daoine nas sine a bhrosnachadh.
Roinn Tinneas an t-Siùcair agus Saidheans na
Cuairt-fala
Tha Roinn Tinneas an t-Siùcair agus Saidheans na Cuairt-fala (Beurla) a’ riochdachadh cothrom ùr air a’ Ghàidhealtachd airson rannsachadh air na h-adhbharan airson, agus buaidhean de thinneas an t-siùcair, tinneasan na cuairt-fala, tinneasan ainteasach agus aillse.
Goireas Rannsachaidh Clionaigeach na Gàidhealtachd
Chaidh Goireas Rannsachaidh Clionaigeach na Gàidhealtachd OGE (Beurla) a stèidheachadh gus goireasan as fheàrr a sholarachadh do rannsaichean clionaigeach agus compàirteachas as motha a bhrosnachadh anns a h-uile seòrsa de rannsachadh clionaigeach ann an sgìre na Gàidhealtachd.