Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd MSc

Course code 93Q7

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha an cùrsa ùr-ghnàthaichte seo, le cliù fad is farsaing, a’ toirt dhut cothrom sònraichte mion-eòlas a chur air dualchas nan Gàidheal – uile-gu-lèir tron Ghàidhlig.

Cuiridh tu èolas farsaing is domhainn air na h-atharrachaidhean iongantach ann an saoghal nan Gàidheal thar nan linn suas chun an latha an-diugh, le taic bho bheairteas cultar dùthchasach, litreachas, beul-aithris, agus cànan nan daoine.

Dh’fhaodadh gu bheil eòlas agad mar-thà air beul-aithris, cultar dùthchasach, agus eachdraidh sgìrean fa leth.

Tro bhith gan suidheachadh ann an co-theacsa fharsaing na Gàidhealtachd air fad, le sùil shònraichte air cultar dùthchasach – an iomadach rud a chruthaich agus a chleachd na Gàidheil – gheibh thu tuigse dhomhainn mu shaoghal nan Gàidheal an-dè agus an-diugh, nach fhaighear ann an àiteigin eile.

Feartan sònraichte

  • Tha an ceum for-cheumnach adhartach seo air a theagasg uile gu lèir tron Ghàidhlig, bho shealladh nan Gàidheal, le sgoilearan aig a bheil cliù eadar-nàiseanta.
  • Chan eil a shamhail ann ann an àite sam bith eile.
  • Gabhaidh modalan a’ chùrsa a dhèanamh fa leth no còmhla ri chèile airson leasachadh pearsanta no proifeiseanta.
  • Dh’fhaodadh gum bi iad gad threòrachadh do PgCert, PgDip no for-cheum MSc.

Feumalachdan inntrigidh

  • Ceum le urram aig 2:2 no nas fheàrr ann an cuspair iomchaidh.
  • Thathar a’ cur fàilte air tagraichean aig nach eil na teisteanasan seo ach aig a bheil eòlas proifeiseanta ann an cuspairean iomchaidh.
  • Tha comas conaltraidh anns a’ Ghàidhlig riatanach. 

 

Slighean inntrigidh

  • Inntrigeadh dìreach tro na ceumanan Gàidhlig againn fhìn.

PgCert

Am measg nam modalan a tha riatanach gus PgCert a chosnadh tha:

  • Cultar Dùthchasach agus Tìr-Mòr na Roinn-Eòrpa
  • Bailtean is Iomairean
  • Dòighean Rannsachaidh

 

PgDip

Am measg nam modalan a tha riatanach gus PgDip a chosnadh tha:

  • Thar nan Linn
  • Ceistean Mòra an Latha An-Diugh

Bidh agad ri modal eile roghainneil a thaghadh:

  • Àrainneachd is Seasmhachd air an Talamh
  • Dòighean Beatha is Nàbaidheachd
  • no Imrich is Buaidh Beatha

 

MSc

Gus MSc a chosnadh feumaidh tu tràchdas rannsachaidh a chrìochnachadh gu soirbheachail.

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • Pàirt-ùine (le structar)
     
  • Pàirt-ùine (as aonais structair) dòigh nas sùbailte a-thaobh na h-ùine a bheir e gus crìoch a chur air a’ chùrsa
  • Nì thu rannsachadh tro fhoghlam air-loidhne le taic, a’ cleachdadh Àrainneachd-Ionnsachaidh Air-loidhne (VLE)
     
  • Measadh le pròiseactan, aistidhean, agus obair-raoin
     
  • Feumaidh tu cuideachd a bhith an làthair aig seisean-inntrigidh ‘aghaidh ri aghaidh’ aig Sabhal Mòr Ostaig OGE air an Eilean Sgitheanach, air neo aig astar air-loidhne
     
  • Faodaidh oileanaich eadar-nàiseanta bhon dùthaich agad fhèin an cùrsa seo a ghabhail

 


Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?


  • Pàirt-ùine (le structar): 3 bhliadhnachan @ 12–16 uairean a thìde gach seachdain
  • Pàirt-ùine (as aonais structair): 6 bliadhnachan @ 10 uairean a thìde gach seachdain
     
  • Tha an àireamh de dh’uairean a thìde gach seachdain a’ sealltainn nan uairean a thìde gu lèir a choisrigear don chùrsa, eadar òraidean agus rannsachadh air do cheann fhèin

Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

  • Sabhal Mòr Ostaig

Ceann-latha tòiseachaidh

  • An t-Sultain

Cìsean

Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach ann an Alba, le seòladh teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:

Tha seo a’ gabhail a-steach

  • Nàiseantaich an AE le inbhe shuidhichte no ro-shuidhichte san RA,
  • Nàiseantaich EEA/Eilbheiseach le inbhe shuidhichte san RA
  • Nàiseantaich an EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte a tha ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.
2023-24 2024-25
Airson gach modal (20 creideas) £584 £584
Teisteanas for-cheum (3 modalan, 60 creideas) £1,752 £1,752
Dioplòma for-cheum (modalan 6, creideasan 120) £3,504 £3,504
Ceum maighstireachd (6 modalan + tràchdas) £5,526 £5,526

Oileanaich eile na RA

Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach sa chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath) no air am measadh mar chòrr den RA airson inbhe chìsean, bidh na cìsean a leanas an sàs:

2023-24 2023-24
Airson gach modal (20 creideas) £720 £780
Teisteanas for-cheum (3 modalan, 60 creideas) £2,160 £2,340
Dioplòma for-cheum (modalan 6, creideasan 120) £4,320 £4,680
Ceum maighstireachd (6 modalan + tràchdas) £6,480 £7,020

Nàiseantaich den EU/EEA agus às an Eilbheis gun inbhe stèidhichte no ro-shuidhichte san RA

Às deidh don RA falbh bhon Aonadh Eòrpach, dhearbh Riaghaltas na h-Alba gum bi nàiseanaich an EU/EEA agus Eilbheis, aig nach eil inbhe shuidhichte no ro-shuidhichte, air am meas mar eadar-nàiseanta airson adhbharan chìsean. Airson 2022-23, gheibh oileanaich sgoilearachd fèin-ghluasadach.

Tha seo a’ toirt a-steach nàiseantaich EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte nach eil ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.

2023-24 Sgoilearachd 2024-25 Sgoilearachd
Airson gach modal (20 creideas) £1,080 £810 £1,110 £833
Teisteanas for-cheum (3 modalan, 60 creideas) £3,240 £2,430 £3,330 £2,499
Dioplòma for-cheum (modalan 6, creideasan 120) £6,480 £4,860 £6,660 £4,998
Ceum maighstireachd (6 modalan + tràchdas) £9,720 £7,290 £9,990 £7,497

Oileanaich eadar-nàiseanta

Do dh’oileanaich nach àbhaist a bhith a’ fuireach san RA no san Aonadh Eòrpach, ag ionnsachadh air-loidhne bhon dùthaich aca fhèin, no air am measadh mar inbhe eadar-nàiseanta airson chìsean, bidh na cìsean a leanas an sàs:

2023-24 2024-25
Airson gach modal (20 creideas) £1,080 £1,110
Teisteanas for-cheum (3 modalan, 60 creideas) £3,240 £3,330
Dioplòma for-cheum (modalan 6, creideasan 120) £6,480 £6,660
Ceum maighstireachd (6 modalan + tràchdas) £9,720 £9,990

Tha gealltanas àrdachadh gun chìs ri fhaighinn airson fèin-mhaoineachadh làn-ùine agus structarail pàirt-ùine an còrr den RA, EU agus oileanaich iar-cheumnach eadar-nàiseanta airson ionnsachadh leantainneach airson an aon duais, suas chun na h-ùine àbhaisteach ceadaichte airson na duaise iomchaidh.

Maoineachadh

Faodaidh oileanaich phàirt-ùine a bhios freagarrach, agus a dh’fhuiricheas ann an Alba, cur a-steach airson iasadan cìs taoidhtearachd bho SAAS. Feumaidh e bhith fainear dhut crìoch a chur air a’ chùrsa, air a’ char as fhaide, dà uibhir cho fada ’s a bheireadh e do dh’oileanach làn-ùine. Mar eisimpleir, ma mhaireas an cùrsa agad aon bhliadhna làn-ùine, gheibheadh tu maoineachadh airson dà bhliadhna phàirt-ùine air a’ char bu mhotha. Mur a h-eil roghainn làn-ùine ann, dh’fheumadh tu an cùrsa a chrìochnachadh taobh a-staigh trì bliadhna. Faodaidh tu cur a-steach airson iasad cìs taoidhtearachd suas gu £7,000, a thèid a phàigheadh pro rata airson gach bliadhna acadaimigich.

Gheibhear làn fhiosrachadh air làraich-lìn SAAS. Fosglaidh tagraidhean airson iasadan anns a’ Ghiblean.

Dh’fhaodadh gum bi e comasach dha oileanach bhon chòrr den RA a bhios freagarrach cur a-steach airson iasad bhon Student Loan Company.

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

  • Roinn an dualchais/taighean-tasgaidh/pàircean àrainneachdail
  • Buidhnean leasachaidh agus cultarach; na h-ealain agus na meadhanan

 

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

  • Rannsachadh PhD

Is there more information available online?

QR

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Is e an nì as motha a tha a’ còrdadh rium mun chùrsa MSc seo a bhith a’ sgrùdadh nan diofar thaobhan de dhualchas agus eachdraidh na Gàidhealtachd tro mheadhan na Gàidhlig. Is toil leam cuideachd a bhith a’ gabhail pàirt ann an gnìomhachdan taobh a-muigh a’ churraicealaim a tha fosgailte don dà chuid oileanaich agus luchd-obrach le chèile gus Gàidhlig adhartachadh mar chànan coimhearsnachd is sòisealta, leithid am buidheann drama, an cearcall còmhraidh Gàidhlig agus gnìomhachdan a-muigh (me haidhceadh, caidheagadh).

Tha Holley McCoy ag ionnsachadh pàirt-ùine air cùrsa MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd ann an Sabhal Mòr Ostaig UHI.

Cuir a-steach airson Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd MSc

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2024

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.