Fàilte gu ar n-àrainn

’S e com-pàirteachas de cholaistean agus ionadan ionnsachaidh is rannsachaidh a th’ann an UHI.  Còmhla, is sinne Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a’ toirt foghlam do mhuinntir na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus nas fhaide às. Ge be càite a bheil thu ag ionnsachadh, tha thu nad phàirt den teaghlach nas motha a th’ann an UHI.
Gu h-iomlan tha 13 Com-pàirtichean Acadaimigeach ann, a’ gabhail a-steach sgìre fharsaing bho Cholaiste Shealtainn mu thuath gu Colaiste Earra-ghaidheil mu dheas.

Structar UHI

Ged a tha UHI sgapte air feadh na dùthcha, tha a h-uile cùrsa UHI a’ buntainn do aon den dà dhàmh againn: Ealain, Daonnachdan is Gnothachas agus Saidheans is Foghlam. Taobh a-staigh gach Dàmh, tha ar Lìonraidhean Chuspairean a’ toirt còmhla chùrsaichean a tha coltach ri chèile.  Bidh Deadhain nan Dàmh agus Stiùirichean nan Lìonradh Chuspairean ag obair còmhla gus an curraicealam a stiùireadh agus sùil a chumail air ìre feabhais nan cùrsaichean.

Taic air leth, ge bith càite a bhios tu ag ionnsachadh

Is tu ag ionnsachadh aig colaiste, ionad rannsachaidh no ionad ionnsachaidh UHI bidh cothrom agad air na seirbheisean uile a tha rim faotainn gu h-ionadail (Beurla) a bharrachd air seirbheisean taic meadhanach a tha rim faotainn air feadh UHI, Ionad Dhreuchdan UHI agus comhairleachadh oileanach nam measg.

© University of the Highlands and Islands
Registered office: 12b Ness Walk, Inverness, Scotland, IV3 5SQ
Tel: +44 (0) 1463 279000 | Email: eo@uhi.ac.uk
Typetalk: +44 (0) 1463 279180
University of the Highlands and Islands, UHI, their Gaelic equivalents and the UHI
mountains and water device are all trademarks and/or registered trademarks of the
University of the Highlands and Islands. UHI is a limited company registered in Scotland
No. 148203. Registered Scottish Charity No. SC022228, VAT No. 663990005.
© Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis chlàraichte: 12b Slighe Nis, Inbhir Nis, Alba, IV3 5SQ
Fòn: +44 (0) 1463 279000 | Post-d:eo@uhi.ac.uk
Taidhp-labhairt: +44 (0) 1463 279180
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean UHI, na teirmichean sin air an cleachdadh sa Bheurla
agus an suaicheantas bheanntan agus uisge aig UHI uile nan comharraidhean malairt agus/no comharraidhean
malairt clàraichte aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha UHI na chompanaidh earranta clàraichte
an Alba, Àir. 148203. Àireamh Charthannais Albannaich Chlàraichte SC022228. Àir. VAT 663990005.