Thoir tiodhlac do Mhaoin Leasachaidh nan Oileanach

Mar oileanach UHI a bh’ ann, am bu toigh leat oileanach a th’ ann an-dràsta a chuideachadh? Le bhith a’ toirt tiodhlac dhuinn, ge be dè cho beag ’s a bhitheas e, faodaidh tu eadar-dhealachadh mòr a dhèanamh do na dh’fhiosraicheas oileanaich aig UHI.

AlumniIs e amas Maoin Leasachaidh nan Oileanach beagan cuideachaidh a thoirt do na h-oileanaich againn. Gheibh na h-uimhir de dh’oileanaich aig UHI cothrom pàirt a ghabhail ann an rudeigin beothachail, rudeigin a chuidicheas nan leasachadh pearsanta, a’ togail air an cuid eòlais no a’ toirt sealladh nas fharsainge dhaibh. Do chuid de dh’oileanaich, faodaidh cothroman a bhith air an call air sgàth gainnead airgid - gu sònraichte air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan far am faod cosgaisean siubhail a bhith tòrr nas àirde.

Le còrr is 8,000 oileanach an-dràsta ag ionnsachadh aig UHI, tha iarrtas mòr air a’ mhaoin seo. Tha UHI cudromach don eaconamaidh agus don sgìre, ach gu sònraichte do na h-oileanaich agus na mòr-mhiannan aca.

Bidh oileanaich a’ cur iarrtas a-steach airson tabhartas bhon mhaoin, a bhios ga rianachadh le Urras Leasachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Chaidh a’ mhaoin a stèidheachadh le tabhartas bliadhnail de còrr is £5,000 an toiseach mar thoradh air tiodhlacan bho dhaoine fa leth agus companaidhean. Is e an t-amas a th’ againn san fhad-ùine maoin de £25,000 a stèidheachadh a bhios a’ fàs thar nam bliadhnaichean gus taic leantainneach a thoirt do dh’oileanaich aig UHI san fhad-ùine.

Bu toigh leinn uiread de dh’oileanaich ’s a ghabhas a chuideachadh a bhith a’ ruigsinn nan amasan aca agus a bhith a’ faighinn uiread ’s as urrainn dhaibh às an àm anns am bi iad aig UHI. A chum ’s gun urrainn dhuinn seo a dhèanamh, tha sinn feumach air taic ionmhasail bho ar caraidean, bho ar luchd-taice agus bhuaibh fhèin, ar n-alumni.

Fhuair tòrr oileanaich mòran às mar-thà, leugh mar a rinn cuid dhiubh feum de na duaisean aca.

Nam bu toigh leat taic a thoirt do Mhaoin Leasachaidh nan Oileanach, leugh mu dheidhinn nan caochladh dhòighean anns an urrainn dhut tiodhlac a thoirt dhuinn no nam bu toigh leat fiosrachadh a bharrachd, cuir fios chun na h-oifis leasachaidh, mas e do thoil e.