Colaisde a' Chaisteil UHI
Tha Colaisde a' Chaisteil UHI anns na h-Eileanan an Iar. Tha a' phrìomh àrainn air a suidheachadh ann an 600 acair de dh’fhearann air iomall baile-puirt Steòrnabhaigh le àrainnean a bharrachd ann am Barraigh, Beinn na Faoghla agus Loch nam Madadh.
Tha ionadan sàr-mhathais againn ann
an rannsachadh lùth ath-nuadhachail, leasachadh slàinte agus leasachadh dùthchail, agus tha sinn a’ speisealachadh ann an àireamh de chùrsaichean a’ gabhail a-steach: PDA ann an Siostaman Lùth Ath-nuadhachail, Eòlas Slàinte, Ceòl, Gàidhlig, Innleadaireachd Lùith agus Foghlam/rannsachadh cleachdaidhean teagaisg