Colaiste Arcaibh UHI UHI

Is ann ann am Baile na h-Eaglais ann an Eileanan Arcaibh a tha Colaiste Arcaibh UHI sa mhòr-chuid le darna àrainn ann an Stromness agus ionadan ionnsachaidh anns na h-eileanan nas lugha. Ann am Baile na h-Eaglais tha àrainn ùr, a chaidh a thogail a dh’aona ghnothach mar cholaiste, agus i a’ dèanamh coimhearsnachd chàirdeil, le measgachadh de dh’oileanaich à diofar dhùthchannan.

Tha sinn a’ speisealachadh ann an àireamh de chùrsaichean a’ gabhail a-steach

Arc-eòlas, Obair Aodaich Ealain Fhìnealta, Rannsachadh Arcaibh is Shealtainn, Ceòl Gnìomhaichte agus Rannsachadh nan Lochlannach.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Arcaibh UHI UHI

Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh

A bhith a' cladhach làraichean air leth cudromach o Linn Ùr na Cloiche aig Ness of Brodgar agus a bhith a’ streap gu mullach Brough of Deerness a h-uile latha gus an leigeamaid ris barrachd de bhaile o aois nan Lochlannach; sin dìreach dà rud a mhaireas buan nam chuimhne de bhith a’ dèanamh Arc-eòlas aig Colaiste Arcaibh UHI. Ally Keir, Ceum Mhaighstir ann an Arc-eòlas