Sabhal Mòr Ostaig UHI

Tha campas ùr-nòsach seo, Sabhal Mòr Ostaig, stèidhichte ann an àite àlainn taobh a deas leth-eilean Slèite san Eilean Sgitheanach, a tabhann cùrsaichean ceum agus clasaichean cànan an Alba a tha a mhàin air an teagasg tro meadhan na Gàidhlig. Tha cholaiste a suidhe ann a cridhe coimhearsnachd far a bheil iomadh duine a bruidhinn sa Ghàidhlig na dòigh beatha gach latha.

Tha sinn a’ speisealachadh ann an àireamh de chuspairean a’ gabhail a-steach

Cànan is Cultar na Gàidhlig, Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta agus Gàidhlig agus na Meadhanan. Is e na cùrsaichean ceuma againne na h-aon chùrsaichean ceuma ann an Alba a bhios gan teagasg gu tur tro mheadhan na Gàidhlig.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Sabhal Mòr Ostaig UHI

Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh

Ghluais mi airson a bhith ag ionnsachadh an seo aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.  Bha e gam thàladh leis gu bheil fòcas n h-àrainn air fad air a’ Ghàidhlig agus leis gu bbheil ùidh agamsa ann an leasachadh mhion-chànanan.  Le greis-ghnìomhachais ann am bun-sgoil sa chiad bhliadhna bha cothrom agam mo chuid Gàidhlig agus sgilean sòisealta a leasachadh.  Bu toil leam a bhith nam Oifigear Leasachadh Gàidhlig no dreuchd eile a leantainn sa Ghàidhlig.

 

Eòghan Mac'ill'Eathain, oileanach, BA (Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan

Chan eil cùrsaichean eile ann a tha a' tabhann Gàidhlig agus Cèol Traidiseanta còmhla mar a tha an cùrsa seo agus tha mi a' creidsinn  cum bi e gu mòr a chum mo leas san rèis-obrach agam gu bheil mi a-nis air chomas Gàidhlig a bhruidhinn.  Is e a' chomhairle a bheirinn-sa: na bi a dèanamh rud sam bith dìreach a thaobh 's gu bheil thu a' faireachdainn gun fheudar dhut no a thaobh 's gu bheil cuideigin a' toirt ort a dhèanamh; smaoinich air feuch an e an t-slighe cheart a tha ann dhut, agus an còrd do chuid ionnsachaidh leat sa chuspair sin.

Lauren Byrne, oileanach, BA (Urram) Gàidhlig agus Cèol Traidiseanta

Ma tha thu dealasach a bhith a' leasachadh do chuid Gàidhlig agus a' faotainn nan cothroman obrach as fhèarr, bu chòir dhut smaointinn da-rìribh air an oilthigh seo.  Bha fèin-fhiosrachadh glan fhèin agam an seo, nach eil a leithid ri fhaotainn, agus mholainn e do dhuine sam bith.  Le bhith a' frithealadh àrainn a tha nas lugha bha cothroman agam a bhith ag obrachadh nas dlùithe le luchd-obrach agus oileanaich seach a bhith aig oilthigh nas motha.

Innes MacCuinn, oileanach, BA (Urram) Gàidhlig agus Leasachadh