Is i bana-ghaisgeach airson na Gàidhlig oileanach na bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig UHI

Is i bana-ghaisgeach airson na Gàidhlig oileanach na bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig UHI

Heather leis a clann Christopher agus Irene

Foillsichte 07 Iuchar 2011

 

Agus i às a’ Ghàidhealtachd o thùs, shiubhail Heather Clyne air feadh an t-saoghail mar neach-saidheans mara às dèidh dhi ceumannan a dhèanamh ann an Dùn Dèagh agus Dùn Èideann - ach tha i a-nis gu sònraichte pròiseil à bhith ag ionnsachadh aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, pàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Thathas air Heather, a tha an treas bliadhna a’ chùrsa cheuma Cànan is Cultar na Gàidhlig, ainmeachadh mar oileanach na bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, mar aithneachadh air na rinn i airson na Gàidhlig agus air a comas acadaimigeach. 

Nuair a bha i na sgoilear, bha Heather an sàs ann an cruinneachaidhean fhìdhleirean a chuidich gus airgead a thogail dhan cholaiste Ghàidhlig - agus, nas anmoiche, nuair a bha i a’ dèanamh cùrsa aig Colaiste Inbhir Nis, tha cuimhne aice gun robh i air bhioran is i a’ cluinntinn mu chruthachadh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Cha robh UHI ann tràth gu leòr do Heather, a chaidh air adhart a dhèanamh ceum ann an saidheans bith-eòlach an Dùn Dèagh, agus PhD ann am modaileadh coimpiutaireach agus saidheans mhucan-mara aig Oilthigh Napier, Dùn Èideann. Mar phàirt den dreuchd aice bha i an sàs ann an tuathanas èisg agus rianachd mhara àrainneachdail an dà chuid aig an taigh agus thall thairis.

Thuirt i fhèin: “Is e rud a bu toigh leamsa gu mòr an cothrom a bhith agam ionnsachadh san sgìre agam fhèin, ach cha robh an cothrom sin ann aig an àm. Bha mise am measg nan iomadach Gàidheal a b’fheudar falbh.

“Tha mi a-nis a’ toirt mòr-mhiann gu buil is mi ag ionnsachadh aig Sabhal Mòr Ostaig UHI mar phàirt den oilthigh againn fhèin. Is e rud a tha sin a bha daonnan nam inntinn.”

Cho math ri bhith a’ togail a cuid chloinne agus a’ dèanamh obair chùrsa de dh’àrd inbhe, the Heather air a bogadh fhèin ann am beatha na colaiste agus na coimhearsnachd nas fharsainge. Bidh i a’ cuideachadh gus turais a-mach agus co-labhairtean a chur air dòigh; a’ dràibheadh bus na colaiste, a bhios ga dhèanamh comasach do dh’oileanaich eile pàirt a ghabhail ann am farsaingeachd de ghnìomhachdan; a’ cur seachad ùine a’ cur phàipearan colaisteach ann an tasglann agus bha i an sàs ann am pantomaim Gàidhlig, an dà chuid air an àrd-ùrlar agus air cùl ghnothaichean, na bu tràithe air a’ bhliadhna.

Bhuannaich i duais Chomann na Gàidhlig san Dàmhair an-uiridh airson daoine a bhrosnachadh a bhith a’ dèanamh feum den Ghàidhlig, agus thuirt stiùiriche a cùrsa, Mark Wringe, gur e deagh eisimpleir a th’innte mar thoradh air cho dealasach ’s a tha i airson na Gàidhlig, agus cho càirdeil ’s a tha i.

“Tha Heather air a bhith gu sònraichte soirbheachail a thaobh oileanaich eile a bhrosnachadh gus àrainneachd Ghàidhlig a chruthachadh, agus tha seo gun teagamh air sgàth dòigh a bhith aice a tha cho càirdeil, cho smaoineachail, cho mothachail is cho inntleachdach agus i a bhith a’ gabhail a h-uile duine a-steach, rud a dh’fhàgas gu bheil meas mòr oirre am measg nan oileanach,” thuirt esan.

Agus i à Gleann Fhionnainn o thùs, agus a-nis a’ fuireach san Eilean Sgitheanach, choisinn Heather àrd mholadh bho bhreitheamh farpais bàrdachd a thuirt gum b’ e euchd air leth do neach-ionnsachaidh inbheach an stoidhle agus an fhìrinn a bha na cuid obrach.  

Tha Heather a’ buannachadh £100 mar oileanach na bliadhna Shabhal Mòr Ostaig UHI agus thèid i air adhart a-nis mar thagraiche airson oileanach na bliadhna UHI air fad, còmhla ri buannaichean eile bho àrainnean air feadh na sgìre. 

Rinn Mark moladh air Heather mar an seòrsa oileanach aig a bheil feum air Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus air a bheil UHI fhèin feumach - “inbhich thogarrach, dhealasach às an sgìre a tha airson fuireach an seo, ionnsachadh an seo, agus feabhas a thoirt air na tha ro na coimhearsnachdan againn san àm ri teachd.” 

“Agus i air a togail ann an Gleann Fhionnainn agus Mùideart, tha i a’ cur luach mòr air a’ chomas a bhith ag ionnsachadh airson ceum gun a bhith a’ fàgail na Gàidhealtachd,” thuirt esan.

Bha Heather airson Gàidhlig ionnsachadh o chionn bhliadhnaichean agus tha i air leth toilichte gun urrainn dhi a h-ionnsachadh tro Shabhal Mòr Ostaig UHI a-nis. ’S ann dà-chànanach a tha an triùir chloinne aice, Fhian 18, Christopher, 11 agus Irene, a tha 7 bliadhna a dh’aois.

Nas fhaide air adhart air a’ bhliadhna bidh Heather agus a teaghlach a’dol a dh’Èirinn far am bi Heather ag ionnsachadh aig Colaiste Oilthigh Bhaile Àth Cliath mar phàirt de phrògram iomlaid airson na bliadhna urraim aice.

Neach-conaltraidh nam meadhanan
Glenda Johnson
Oifigear UHI airson Dhàimhean ris na Meadhanan
01463 279222
Glenda.johnson@uhi.ac.uk

© University of the Highlands and Islands
Registered office: 12b Ness Walk, Inverness, Scotland, IV3 5SQ
Tel: +44 (0) 1463 279000 | Email: eo@uhi.ac.uk
Typetalk: +44 (0) 1463 279180
University of the Highlands and Islands, UHI, their Gaelic equivalents and the UHI
mountains and water device are all trademarks and/or registered trademarks of the
University of the Highlands and Islands. UHI is a limited company registered in Scotland
No. 148203. Registered Scottish Charity No. SC022228, VAT No. 663990005.
© Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis chlàraichte: 12b Slighe Nis, Inbhir Nis, Alba, IV3 5SQ
Fòn: +44 (0) 1463 279000 | Post-d:eo@uhi.ac.uk
Taidhp-labhairt: +44 (0) 1463 279180
Tha Oilthigh na Gˆidhealtachd agus nan Eilean UHI, na teirmichean sin air an cleachdadh sa Bheurla
agus an suaicheantas bheanntan agus uisge aig UHI uile nan comharraidhean malairt agus/no comharraidhean
malairt clˆraichte aig Oilthigh na Gˆidhealtachd agus nan Eilean. Tha UHI na chompanaidh earranta clˆraichte
an Alba, Ëir. 148203. Ëireamh Charthannais Albannaich Chlˆraichte SC022228. Ëir. VAT 663990005.