Mu

Oilthigh eadar-dhealaichte

Chan e oilthigh traidiseanta a th’ annainn. Tha sinn eadar-dhealaichte. Tha sinn nar pàirt de shìol ùr de stèidheachdan treas ìre, gun ar leithid a bhith ann an Alba is gun ach beagan ann san Roinn Eòrpa.

 

Stèidhte air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, tha an com-pàirteachas sònraichte againn de 13 colaistean agus ionadan rannsachaidh neo-eisimeileach stèidhte gu h-ionadal agus freumhaichte ann an coimhearsnachdan, le buaidh nàiseanta agus eadar-nàiseanta, mar phàirt de structar oilthigh sgìreil.

Tha ar cliù eadar-nàiseanta air a thogail air an dòigh ùr-ghnàthach anns am bi sinn a’ dol an sàs ann an ionnsachadh agus ar rannsachadh agus ar curraicealam sònraichte a shaibhrichear le daoine, àrainneachd nàdarra, eaconamaidh agus cultar ar sgìre agus a coimhearsnachdan.

Tha 40,000 oileanach aig cridhe is cuislean ar com-pàirteachas oilthighe agus is ann mar a shoirbhicheas iadson a bu chòir dhuinn a bhith air ar tomhas. Tha am portfòilio curraicealach againn, thairis air foghlam adhartach is àrd-ìre, air a dhealbhachadh a choinneachadh ri feumalachdan ionadail is sgìreil, an-dràsta agus san àm ri teachd, agus a tharraing oileanaich don Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

QAA checks how UK universities and colleges maintain the standard of their higher education provision. Click here to read this institution's latest review report. The QAA diamond logo and 'QAA' are registered trademarks of the Quality Assurance Agency for Higher Education.