Diane Rawlinson

Iar-Phrionnsapal (Foghlam Adhartach)

MA(Hons), MA, PGCE

Tha uallach air Diane Rawlinson a bhith a’ solar taic uile-chudromach do Bhòrd Roinneil Foghlam Adhartach an oilthigh ann a bhith a’ liubhairt foghlam adhartach air feadh roinn na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a rèir poileasaidh Riaghaltas na h-Alba agus mar a rèitichear gach bliadhna ri Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba. San dreuchd seo bidh oirre a bhith a- co-oibreachadh gu sònraichte dlùth le Prionnsapalan nan naoi colaistean a tha nan com-pàirtichean acadaimigeach taobh a-staigh den oilthigh a mhaoinichear air adhbharan foghlam adhartach.

Mun do thoisich i anns an obair, bha Diane na Prionnsapal agus Àrd-Oifigear air Colaiste Inbhir Nis UHI,  far an robh i os cionn program caochladh manaidsearachd ioma-chuimseach a’ deasachadh agus a’ stiùireadh gluasad gu oighreachd àrainn suaicheanta Inbhir Nis. Chum Diane dreuchd Prionnsapal agus Àrd-Oifigear Colaiste Inbhir Àir fad ochd bliadhna agus roimhe sin ann an grunn cholaistean eile air feadh Alba.

Bho chionn ghoirid, stèidhich agus sholaraich Diane ceannardas do iar-ionad ionnsachaidh àite-obrach, a’ cruthachadh slighean eadar-roghnach gu ceumannan ann an sreath a roinn ghnìomhachais. Tha ùidh aig Diane ann an neo-ionannachd ceangailte ri foghlam agus leudachadh air clàr-inntrigidh.

Fios conaltraidh:
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis Stiùiridh
Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ

Fòn: +44(0)1463 279143
Post-d: diane.rawlinson@uhi.ac.uk