DachaighNa meadananNaidheachdan › Oileanach à Arcaibh a’ buannachadh duais oilthighe

Oileanach à Arcaibh a’ buannachadh duais oilthighe

Wednesday 4 October 2017

FE Student of the year

Danielle O’Hagan and Prof Crichton Lang

Tha oileanach coimpiutaireachd le rùn làidir air soirbheachadh a dh’aindeoin a bhith a’ fulang le staid meidigeach cudromach, air a h-ainmeachadh mar Oileanach Foghlam Adhartach na Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.  Chuir Danielle O’Hagan (25) à Ciorcabhal crìoch o chionn ghoirid air Teisteanas Nàiseanta ann an teicneòlasan coimpiutair le dealbhadh gheamannan, ann an Colaiste Arcaibh UHI.
 
Chaidh Danielle ainmeachadh airson na duais leis an òraidiche aice, Magnus Tullock. Chaidh a moladh airson a h-obair bharraichte a thuilleadh air a gaisgeachd ann an dèiligeadh leis an tinneas thuiteamach bho bheil i a’ fulang agus a’ togail mothachadh don tinneas seo.
 
Mhìnich Magnus: “Tha Danielle air a bhith na h-oileanach air leth san roinn coimpiutaireachd am-bliadhna. Tha i air an clas a stiùireadh air adhart, air a comhaoisean a chuideachadh agus air diongmhaltas do-chreidsinneach a nochdadh gus a h-obair a dhèanamh cho math ’s as urrainn dhi. Nuair nach robh i toilichte leis na ciad toraidhean san obair leasachaidh làrach-lìn aice, cho-dhùin i cànan prògramaidh gu tur ùr ionnsachadh gus dìreach na bha i ag iarraidh a choileanadh.
 
“A dh’aindeoin fulang bho ghrunn speilean den tinneas thuiteamach tron bhliadhna, cha do leig Danielle leis an obair aice fulang. Gu dearbh, ’s ann a bhios Danielle a’ dèiligeadh leis an t-suidheachadh aice le neart is dìoghras. Chuir i air dòigh gnìomhachd clas airson airgead a thogail do fhulangaich an tinneis thuiteamach ann an Alba, tha i air na dusanan de dh’òraidean a lìbhrigeadh mun t-suidheachadh seo agus air làrach-lìn a stèidheachadh gus cuideachadh le mothachadh a thogail don tinneas seo.  
 
“Fad mo bhliadhnaichean, cha tàinig mi tarsainn a-riamh air oileanach foghlam adhartach a tha cho dealasach, dìcheallach agus cho fuireachail ri Danielle agus aice ri dèiligeadh le mòran duilgheadasan slàinte.”
 
A’ bruidhinn mun duais aice, thuirt Danielle: “Tha mi glè thaingeil a bhith air mo thaghadh airson na duais seo. Cha robh e air a bhith comasach dhomh an obair a rinn mi sa chùrsa agam an-uiridh a dhèanamh, mura biodh an cuideachadh a fhuair mi bho na h-òraidichean agam agus bhon sgioba taic a chuidich mi, gu h-àraid le bhith dioslaigsig cuideachd. Tha sin mar an ceudna don chuideachadh a thug mo cho-oileanaich dhomh. Tha mi an dòchas leantainn air adhart ag obair cruaidh a dh’ionnsaigh mo cheum sna bliadhnaichean a tha romhainn.”
 
Thuirt an t-Àrd-Ollamh, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean: “Is e oileanach gun choimeas a th’ ann an Danielle a chaidh os cionn agus fada seachad air riatanasan a’ chùrsa aice. Tha i air dìlseachd agus diongmhaltas mòr a thaisbeanadh mu choinneamh suidheachadh dùbhlanach pearsanta agus tha i na buannaiche fìor airidh air duais oileanach foghlam adhartach na bliadhna.”
 
Chaidh teisteanas agus seic airson £200 nota a bhuileachadh air Danielle aig seirbheis ceumnachaidh ann an Colaiste Arcaibh UHI air Dihaoine 29 Sultain. Tha i a’ leantainn oirre ag ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean tro bhith a’ gabhail os làimh HNC ann an coimpiutaireachd.

< Previous | | Next >