DachaighNa meadananNaidheachdan › Oileanach à Sealtainn a’ buannachadh tiotal oilthighe

Oileanach à Sealtainn a’ buannachadh tiotal oilthighe

Tuesday 3 October 2017

Iar-Cheumnaiche na Bliadhna

PG Student of the year

Esther Renwick

Tha oileanach a chrìochnaich a ceum PhD agus i a’ togail triùir chloinne air a h-ainmeachadh mar Iar-Cheumnaiche na Bliadhna 2017 aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Choisinn Esther Renwick (40) à Linne an t-Sròim ann an Sealtainn PhD ann an arc-eòlas o chionn ghoirid, an dèidh a bhith ag ionnsachadh pàirt-ùine thairis air deich bliadhna ann an Colaiste Shealtainn UHI.
 
Bha an tràchdas aig Esther a’ rannsachadh nan dòighean as èifeachdaiche air carraighean-cuimhne àirseachail a thaisbeanadh don phoball. Rinn i mion-sgrùdadh air lèirmheasan air-loidhne, rinn i agallamhan le luchd-tadhail agus bha i ag amharc air mar a bhios daoine a’ gluasad tro làraichean àirseachail. A’ cleachdadh bun-bheachdan feallsanachail agus daon-eòlasach a thaobh modh-giùlain daonnail agus mar a tha iad a’ dèiligeadh leis an t-saoghal mun cuairt orra, chuir i air adhart molaidhean airson suidheachadh nas tarraingiche a chruthachadh do luchd-tadhail.
 
Chaidh Esther ainmeachadh airson duais Iar-Cheumnaiche na Bliadhna leis an Neach-stiùiridh PhD aice, An Dr Simon Clarke. Fhuair i moladh airson a cuid rannsachaidh buadhach, a dòigh conaltraidh leis a’ choimhearsnachd agus a dealas a thaobh a h-ionnsachaidh.
 
Mhìnich An Dr Clarke: “Thòisich Esther ann an 2007 agus chuir i crìoch air an tràchdas aice ’s i ag obair mun cuairt air cosnadh pàirt-ùine agus triùir chloinne òga, dithis dhiubh a rugadh fhad ’s a bha i ag ionnsachadh san oilthigh. Dh’ainmich mi i, chan ann airson na tha i air a choileanadh sa bhliadhna mu dheireadh aice, ach airson deich bliadhna de dh’obair chruaidh is dìcheall.
 
“Tha Esther air a toraidhean a thaisbeanadh aig co-labhairtean nàiseanta agus eadar-nàiseanta agus tha coltas gu bheil aon de na pàipearan aice air buaidh a thoirt air an ath-eagrachadh o chionn ghoirid le Dualchas Shasainn a thaobh leasachadh air inntrigeadh an luchd-tadhail aig Dùn Housesteads air Balla Hadrian. Tha a h-ionnsachadh acadaimigeach gu mòr a’ nochdadh buaidh fheumail san t-saoghal mhòr.
 
“Tha Esther air tabhartasan luachmhor a chur ris a’ choimhearsnachd ionadail cuideachd. Tha i na ball-stèidhidh de Arc-eòlas Shealtainn agus tha i air a bhith na com-pàirtiche gnìomhach ann am buidheann fèin-thaic do dh’iar-cheumnaichean rannsachaidh stèidhichte ann an Sealtainn.”
 
A’ bruidhinn mun duais aice, thuirt Esther: “Tha mi cho toilichte a bhith a’ faotainn an aithne a tha seo bhon oilthigh. ’S e turas fada a bh’ ann ach glè chudromach – cheadaich na h-àrainnean dùthchail agus an àrainneachd ionnsachaidh èifeachdach seo dhomh, mo dhìoghras a thaobh taisbeanadh arc-eòlais a leantainn agus mi fhathast a’ fuireach san àite as fheàrr leam, agus ag obair ’s a’ togail teaghlach òg. Is fhiach mo theaghlach fad-fhulangach moladh an seo cuideachd, às aonais an taic sheasmhach acasan cha bhiodh sgath den seo comasach dhomh.”
 
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean: “Tha mi air leth toilichte gun deach Esther a thaghadh mar Iar-Cheumnaiche na Bliadhna. Tha i air dealas do-chreidsinneach a thaisbeanadh thar deich bliadhna de rannsachadh agus air cur gu cudromach ris an dà chuid a raon rannsachaidh fhèin agus a coimhearsnachd.
 
“Tha sgeulachd Esther na h-eisimpleir soilleir air mar as urrainn don oilthigh againn cothroman fhosgladh do dh’oileanaich gu rannsachadh fìor adhartach a choileanadh taobh a-staigh nan coimhearsnachdan aca fhèin ann an cuspairean a tha air am brosnachadh le daoine, àrainneachd, eaconamaidh, cultar agus dualchas na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.”
 
Chaidh teisteanas agus seic airson £100 nota a bhuileachadh air Esther aig seirbheis ceumnachaidh ann an Colaiste Shealtainn UHI air Dihaoine 22 Sultain. Tha i a-nis air dreuchd ann an conaltradh a ghabhail aig buidheann Leasachaidh Ealain Shealtainn.

< Previous | | Next >