DachaighNa meadananNaidheachdan › Oileanaich nursaidh a’ faighinn fàilte Rìoghail

Oileanaich nursaidh a’ faighinn fàilte Rìoghail

Sunday 24 September 2017

Thadhail A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail air Steòrnabhagh agus Inbhir Nis an-diugh (Diluain 25 Sultain) gus fàilte a chur air na ciad oileanaich nursaidh a bha riamh aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Agus i ag obair na dreuchd mar sheansalair an oilthigh, thug A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail cuairt timcheall Ospadal nan Eilean Siar agus an t-Ionad airson Saidheans Slàinte, bhruidhinn i ri oileanaich agus thug i peann cuimhneachaidh seachad dhaibh air fad. Chuir i crìoch air a tadhal le bhith a’ toirt seachad òraid, ag ainmeachadh planaichean gus Duais Nursaidh an t-Seansalair a thoirt a-steach airson sàr-mhathas aithneachadh ann am buidheann nan oileanach nursaidh.

Chaidh an turas Rìoghail a chur air dòigh an dèidh na prògraman foghlam nursaidh ro-chlàradh airson BSc ann an nursadh slàinte inntinn agus BSc ann an nursadh inbheach a bhith air an gluasad gu soirbheachail bho Oilthigh Shruighlea gu Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha an ceum seo mar phàirt de phlanaichean nas fharsainge Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean airson a Sgoil Slàinte, Cùram Sòisealta agus Saidheansan Beatha a leasachadh.

Agus e a’ bruidhinn aig an tachartas, thuirt an t-Àrd-ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, “Tha e na euchd mòr a bhith a’ cur fàilte air a' chiad bhuidheann de dh'oileanaich nursaidh againn an-diugh, aon bhliadhna às dèidh dhuinn aonta fhaighinn bhon Chomhairle Nursaidh agus Banais-ghlùine airson an gluasad a thachairt. Bu toil leam taing a thoirt don luchd-obrach bhon dà oilthigh a bha ag obair cho cruaidh gus seo a dhèanamh comasach.

“Tha an gluasad air a bhith na phàirt èigeantach de leasachadh ar Sgoil Slàinte, Cùram Sòisealta agus Saidheansan Beatha, a’ cuideachadh le bhith a' togail còrr is £30m de dh’in-shealbh air feadh ar com-pàirteachais. Bha piseach mòr air an sgoil thar na bliadhna a chaidh seachad le leasachadh teagasg agus rannsachadh ann an slàinte agus cùram sòisealta co-cheangailte; spòrs agus sunnd; slàinte agus sunnd dùthchail; agus saidheans bith-mheidigeach. Agus i ag obair tarsainn ar com-pàirteachas eadar na colaistean is an t-oilthigh, cuidichidh an sgoil againn le bhith a’ toirt cothrom nas fheàrr air seirbheisean agus toraidhean nas fheàrr do luchd-còmhnaidh air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.”

Thuirt Heidi May, stiùiriche nursaidh NHS na Gàidhealtachd, “Tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn gu bheil a’ chiad bhuidheann de dh'oileanaich a' tòiseachadh air an turas nursaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Is e dreuchd iongantach a th’ ann an nursadh a bheir sàsachadh mòr do dhuine. Tha mi cinnteach gun soirbhich iad anns a’ ghairm bheatha a tha iad a' taghadh, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla riutha sna bliadhnachan a tha romhainn.”

Thuirt Niall R Galbraith, Cathraiche NHS nan Eilean Siar: “Tha Bòrd NHS nan Eilean Siar air leth toilichte fàilte a chur air a’ chiad bhuidheann de dh’oileanaich banaltrachd fo sgiath Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, don phrìomh ospadal aca. Tha an rèite ùr seo le foghlam àrd-ìre a’ solarachadh leantainneachd nar n-amas mar sheirbheis slàinte air daoine òga a  bhrosnachadh gus togail orra air cùrsa-dreuchd a tha anabarrach sàsachail agus tarbhach, nan coimhearsnachdan fhèin. Tha làthaireachad na Bana-Phrionnsa Rìoghail aig an àm seo de thòiseachaidhean ùra a’ cur aonta chudromach ris an dà chuid dreuchd na banaltrachd agus solar oilthighe. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh don in-ghabhail ùr de dh’oileanaich.”

Thuirt Chris Anne Campbell, stiùiriche air nursadh aig NHS nan Eilean Siar: “Tha e fìor mhath a bhith a 'faicinn gum bi ro-chlàraidh foghlam nursaidh a' leantainn air adhart sna h-Eileanan Siar tro Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha mi cinnteach gum brosnaich seo barrachd oileanaich a bhith air an oideachadh agus a bhith a 'fuireach mar nursaichean gu h-ionadail, far am bi an cùram agus an truasachd cho luachmhor.”

< Previous | | Next >