DachaighNa meadananNaidheachdan › Òraid airson forfhais a bheil a leithid ann is lèirsinn Ghàidhealach

Òraid airson forfhais a bheil a leithid ann is lèirsinn Ghàidhealach

Monday 28 August 2017

Professor Meg Bateman

Bidh an t-Àrd-Ollamh Meg Bateman

Bidh sàr sgoilear Gàidhlig a’ toirt seachad òraid an-asgaidh san Eilean Sgitheanach an ath mhìos mar phàirt den t-sreath de dh’òraidean poblach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Bidh an t-Àrd-ollamh Meg Bateman, àrd-òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, a’ beachdachadh air a’ cheist a bheil a leithid ann is fradharc Gàidhealach air an t-saoghal.

Agus i a’ sgrùdadh cheistean mu luach an fhradhairc ann an cultar na Gàidhlig, mar a riochdaichear dathan agus mar a tha ideòlasan fighte fuaighte ann an gràmair agus gnàthasan-cainnte, bidh an t-Àrd-ollamh Bateman a' tairgsinn a’ bheachd gu robh dòigh shònraichte aig na Gàidheil a bhith a’ faicinn an t-saoghail.

Mar a mhìnicheas i fhèin e: "Is dòcha gun tug eisteadaigeachd nan Gàidheal buaidh air an tuigse a bh’ ann sa chultar air gnothaichean bunaiteach leithid suidheachadh an duine san àrainneachd, cumadh ùine agus an dàimh eadar an spiorad agus an stuth, agus gun tug an tuigse sin, mar an ceudna, buaidh air an eisteadaigeachd."

Tha an t-Àrd-ollamh Bateman a’ lìbhrigeadh na h-òraid aice an dèidh Àrd-ollamhachd a bhith air a buileachadh oirre le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean san Dùbhlachd 2015. A bharrachd air a bhith na sàr ùghdarras air litreachas na Gàidhlig, tha i na sgrìobhadair agus na bàrd agus an obair aice air a foillseachadh gu h-eadar-nàiseanta. Rinn i ionnsachadh agus teagasg aig Oilthigh Obar Dheathain, far an d’fhuair i dotaireachd ann am bàrdachd chreideamhach sa Gàidhlig chlasaigich, mus deach i gu Sabhal Mòr Ostaig UHI ann an 1998.

Bidh òraid tighinn an dreuchd an Àrd-ollaimh Bateman stèidhichte air eileamaidean den leabhar a tha ri tighinn, Window to the West, a sgrìobh i còmhla ris an sgrìobhadair, craoladair agus sgrìobhaiche-ciùil, John Purser. Thèid an òraid a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig agus bidh eadar-theangachadh Beurla ri fhaighinn.Bidh e a’ gabhail àite bho 5.15f gu 7.15f air Diardaoin 21 Sultain aig Talla Dhonaidh Chaimbeul, Sabhal Mòr Ostaig UHI agus bi cothrom ann do luchd-frithealaidh fhaicinn air YouTube. Gus àite a ghleidheil no tuilleadh fhaighinn a-mach, tadhail air www.uhi.ac.uk/events

< Previous | | Next >