ionnsachadh aig UHI
-
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean eadar-dhealaichte bhon a’ mhòr-chuid de dh’oilthighean; bidh sinn a’ toirt dhut taghadh de bhith ag ionnsachadh aig aon de na 13 colaistean agus ionadan rannsachaidh, còrr is 50 ionadan ionnsachaidh ionadail, no air-loidhne à àite sam bith. Is urrainn dhut ionnsachadh làn-ùine no pàirt-ùine airson ceum no for-cheum, no gus àrdachadh a dhèanamh air do dhreuchd. Bi tu nad phàirt de choimhearsnachd ionnsachaidh ioma-ghnèitheach sgapte air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus ceangailte le teicneòlasan ionnsachaidh ùr-ghnàthach.