Navigation

BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh

Dè tha sònraichte mu dheidhinn a’ chùrsa seo?

Còdan UCAS: Q505

Tha an cùrsa seo ag amas air oileanaich a thrèanadh ann an leasachadh na Gàidhlig agus leasachadh choimhearsnachdan. Tha cothroman obrach a’ leudachadh san Roinn seo, leis gum feum buidhnean oifi gearan cànain comasach fhastadh, airson planaichean Gàidhlig a dhealbh, a rèir iarrtasan Achd na Gàidhlig 2005.

Thathar a’ dèanamh coimeasan eadar coimhearsnachdan na Gàidhlig agus mion-chànain agus cultaran eile ann an Èirinn, a’ Chuimrigh, tìr mòr na Roinn Eòrpa, Lochlann agus Ameireaga a-Tuath.

Feartan sònraichte

  • Sgilean practaigeach ann am planadh coimhearsnachd
  • Iomlaid eadar-nàiseanta aig Ìre ceithir
  • Sgrùdaidhean-làraich ionadail dòighean eadar-dhreuchdail agus ioma-dhreuchdail
  • Eisimpleirean practaigeach eadar-nàiseanta

Fiosrachadh mun chùrsa

Tha an cùrsa seo a’ ceadachadh fàgail an dèidh diofar ìrean le teisteanas aithnichte. An dèidh bliadhna oideachaidh làn thìde a choileanadh gu soirbheachail gheibhear Teisteanas Foghlaim Àrd Ìre, an dèidh dà bhliadhna gheibhear Dioploma Foghlaim Àrd Ìre agus an dèidh trì bliadhna gheibhear BA ann an Gàidhlig agus Leasachadh. Tha e comasach ceum le Urram a chosnadh an dèidh ceithir bliadhna.

Thoir sùil air Sgeama na Gàidhlig agus cuspairean co-cheangailte airson fios fhaighinn mu chuspairean na ciad bliadhna.

Gheibhear na cuspairean a leanas air an dàrna bliadhna Gàidhlig an-Dè agus an-Diugh; Ath-bheòthachadh na Gàidhlig; Iomall a’ Chuain Siar an-Diugh; Leasachadh air Ghaidhealtachd; Eachdraidh Shòisealta na Gaidhealtachd.

Tha na cuspairean a-leanas san treasamh bliadhna: dealbhadh cànain; mothachadh cànain; leasachadh coimhearsnachdan Gàidhlig: sgilean practaigeach; coimhearsnachdan san 21mh linn.

Bidh sibh a’ dèanamh tràchdas air a’ cheathramh bliadhna a thuilleadh air modailean eile leithid poileasaidh cànain; poileasaidh cànain san àite-obrach; leasachadh seasmhach; imrich.

Tha cothrom aig oileanaich semeastar a chur seachad aig Oilthigh ann an Èirinn no Canada.

 

Modules available (opens in new window)