Navigation

MA (le Urram) Gàidhlig le Foghlam

Dè tha sònraichte mu dheidhinn a’ chùrsa seo?

Còdan UCAS: ?

’S e com-pàirteachas sònraichte eadar Oilthigh Obar Dheathain agus UHI a th’anns a’ chùrsa MA/MA (le Urram) Gàidhlig le Foghlam.

Bidh na cùrsaichean foghlaim/eòlais proifeiseanta air an lìbhrigeadh air astar, le oileanaich stèidhichte ann an colaistean UHI no ionadan ionnsachaidh. Bidh oileanaich clàraichte aig Oilthigh Obar Dheathain airson Bliadhna trì agus ceithir den phrògram.

Tha am prògram seo, a tha air a lìbhrigeadh gu tur tro mheadhan na Gàidhlig, a’ toirt cothrom do dh’oileanaich barrantas le urram agus teisteanas teagaisg fhaotainn taobh a-staigh ceithir bliadhna, agus tha e na shlighe dìreach a-steach gu trèanadh thidsearan far a bheil gainnead sgilean.

 

An co-bhoinn ri

University of Aberdeen logo

Feartan sònraichte

  • Bidh oileanaich a’ dèanamh cùrsa cànain is cùrsa foghlaim ann an suidheachadh bogaidh
  • Cothrom air sàr-eòlas Oilthigh Obar Dheathain mar ionad tùs thrèanadh thidsearan
  • Cothroman oideachadh fadchùrsa fhaighinn taobh a-staigh sgìre UHI
  • Deagh chothroman obrach airson luchd-ceuma

Fiosrachadh mun chùrsa

Thoir sùil air Sgeama na Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte airson fios fhaighinn mu chuspairean na ciad bliadhna.

Gheibhear na cuspairean a leanas air an dàrna bliadhna: Gàidhlig 2, cànan, cultar is cinnidheachd; an sgeulachd ghoirid; beul-aithris; bàrdachd bho 1900 agus ath-bheothachadh na Gàidhlig.

Tha na cuspairean a leanas san treasamh bliadhna: Gàidhlig 3; sgilean rannsachaidh; rosg ùr; ionnsachadh is teagasg ann an sgoiltean a agus greis sgoile (5 seachdainean).

Air a’ cheathramh bliadhna bidh tràchdas ri dhèanamh agus bithear a’ dèanamh sgilean eadar-theangachaidh mar mhodalan riatanach Gàidhlig, a thuilleadh air ionnsachadh is teagasg ann an sgoiltean b agus greis sgoile (13 seachdainean).

 

Modalan (Uinneag ùr)