Gàidhlig agus na Meadhanan BA (le Urram)

UCAS code QP53
UHI information line 0845 272 3600

What is special about this course?

Nam bu mhiann leat a bhith ag obair sna meadhanan Gàidhlig, bheir an cùrsa ceum ùr-ghnàthach is adhartach seo ann an Gàidhlig agus na Meadhanan cothrom air leth dhut fhaighinn a-steach don ghnìomhachas bheothail agus inntinneach seo.

Aon uair ’s gum bi thu fileanta sa Ghàidhlig, ionnsachaidh tu mar a chuireas tu na sgilean cànain agad gu feum ann am farsaingeachd de mhodalan brosnachail agus ùr-nodha a bhuineas ri obair sna meadhanan. Tha na h-eileamaidean seo stèidhte air teòraidh sa mhòr-chuid agus iad air an dealbhachadh gus do dhèanamh mothachail air na suidheachaidhean cultarach, sòisealta, poilitigeach agus teicneolach anns a bheil na meadhanan ag obair, le fòcas shònraichte air craoladh, an t-eadar-lìon agus film.

A’ cleachdadh teicneòlas didseatach adhartach, gabhaidh tu pròiseact practaigeach os làimh, a’ leigeil leat na sgìlean teòraidh agad a chur gu feum agus eòlas nas fharsainge agus na fhreagarraiche fhaighinn.

Special features

  • Is e cùrsa tro mheadhan na Gàidhlig a tha seo, a’ toirt dhut cothrom fileantas fhaighinn sa chànan
  • Gheibh thu taic bhon ghnìomhachas craolaidh
  • Goireasan teicnigeach air leth aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach
  • Greis-ghnìomhachais a mhaireas trì seachdainean sa chiad bhliadhna
  • Is urrainn dhut ionnsachadh làn-ùine no pàirt-ùine a rèir an t-suidheachaidh agad fhèin

Entry requirements

  • 3 teisteanasan àrd-ìre aig ìre C no nas àirde. Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig nam measg NO
  • 2 A level aig ìre C no nas àirde
  • Bidh agad ri tighinn gu agallamh a dhearbhadh gu bheil comas agad sa chànan
  • Cuirear fàilte air iarrtasan bho thagraichean aig nach eil na teisteanasan coitcheann

Access routes

Year 1 - CertHE

Taghadh CertHE a dhèanamh ann an aon de na leanas:

  • An Cùrsa Comais no
  • Gàidhlig agus Conaltradh
  • Gabhaidh tu greis-ghnìomhachais a mhaireas trì seachdainean os làimh

Year 2 - DipHE

  • Gàidhlig
  • Na meadhanan
  • Sgrìobhadh airson rèidio agus telebhisean
  • Mòr-mheadhanan agus cultar

Year 3 - BA

  • Sgilean rannsachaidh
  • Alba ann am filmichean
  • Sgrìobhadh cruthachail
  • Riaghladh nam meadhanan
     

Year 4 - BA (Hons)

  • Tràchdas
  • Na meadhanan ann an Èirinn
  • Riochdachadh rèidio
  • Sgrùdadh luchd-amhairc/èisteachd

How will I study my course?

  • Làn-ùine

Ionnsachaidh tu tro òraidean aghaidh-ri-aghaidh, clasaichean agus obair phractaigeach aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach

How long will my course last?

Làn-ùine: 4 bliadhna @ 40 uairean gach seachdain

Tha an àireamh de dh’uairean gach seachdain a’ ciallachadh na h-àireimh iomlan de dh’uairean a bu chòir dhut cuir seachad air a’ chùrsa, a’ gabhail a-steach ùine a chuireas tu seachad ann an òraidean agus an ùine agad fhèin a chuireas tu seachad air obair agus rannsachadh fa leth.

Where can I study my course?

Start date

An t-Sultain 

How much will my course cost?

For information on costs of this course please contact the college at which you wish to study.

What funding can I apply for?

Dh'fhaodar sgoilearachadan agus taic airgid eile a bhith ri fhaotainn.

Cuir fios chun na colaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.

 

External scholarships and financial support may be available. Contact the relevant UHI partner college for more information.

What can I do on completion of my course?

Aon uair ’s gun coilion thu a’ chùrsa BA (le Urram) ann an Gàidhlig agus na Meadhanan, faodaidh gum bi ùidh agad anns na dreuchdan a leanas:

  • Telebhisean
  • Rèidio
  • Na meadhanan clò
  • Rannsachadh nam meadhanan

Is there more information available online?

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Cuir a-steach airson Gàidhlig agus na Meadhanan BA (le Urram)

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2017

Bu chòir do thagraichean eadar-nàiseanta cuir a-steach a' cleachdadh an fhoirm tagraidh eadar-nàiseanta. Luchdaich a-nuas agus clò-bhuail am foirm, lion agus till e chun an t-seòlaidh a tha sgrìobhte air, mas e do thoil e. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn do thagraichean eadar-nàiseanta aig ar duilleig do dh'oileanaich eadar-nàiseanta

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.

Search again