Home research Research Units Ionad Rannsachaidh Lèirsinn

Ionad Rannsachaidh Lèirsinn

SMO

View this page in English

Ionad Rannsachaidh Lèirsinn

Tha Lèirsinn, a chaidh a stèidheachadh ann an 1992, a' gabhail rannsachaidh air a' Ghàidhealtachd, anns na h-Eileanan is ann an coimhearsnachdan Gàidhlig os làimh. Tha e suidhichte anns a' cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig (a tha na chom-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean) anns an Eilean Sgitheanach. Tha Lèirsinn air a bhith an sàs ann an iomadh seòrsa rannsachaidh shòisealta, a leithid pròiseactan foghlaim is eaconamach, ach tha prìomhachas ga chur an-dràsta air rannsachadh gnèidheach seachdaineach air luchd-amhairc telebhisean Gàidhlig don BhBC is MG Alba, anns an robh e an sàs bho 1993. Tha pannal anns a bheil 350 ball aig a bheil Gàidhlig ann air feadh na h-Alba airson an obair seo a choileanadh. Bidh buill a' phannail a' faighinn leabhraichean-latha telebhisein a h-uile seachdain anns am bi iad a' cur comharra mu choinneimh prògraman Gàidhlig sam bith a chunnaic iad air an t-sianal. Tha an dàta air a chruinneachadh bho na buill is tha fiosrachadh ga chur air ais don BhBC is MG Albat. Tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseict, aig: www.leirsinn.smo.uhi.ac.uk

Faclair na Gàidhlig

Faclair na Gàidhlig: Tha an iomairt eadar-oilthigh seo anns a bheil Oilthighean Dhùn Èideann, Ghlaschu, Obar Dheathain, Srath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs ag amas air faclair eachdraidheil de Ghàidhlig na h-Alba a chruthachadh. Thèid a dhealbh air prionnsapalan eachdraidheil coltach ris an fheadhainn air an deach Dictionary of the Older Scottish Tongue agus an Oxford English Dictionary a stèidheachadh. Chaidh Faclair na Gàidhlig a chur air bhonn ann an 2003 agus tha e air ionmhas fhaotainn bho Bhòrd na Gàidhlig, Urras Charnegie, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, Urras Leverhulme, Riaghaltas na h-Alba, Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba, Comhairle Rannsachaidh nan Ealan ’s Eòlais Dhaonna agus Comhairle an Rannsachaidh Shòisealta ’s Eaconamaich. ’S ann aig Sabhal Mòr Ostaig OGE a tha rianachd a’ phròiseict do stiùireadh Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Neach-gairm Comataidh Stiùiridh Faclair na Gàidhlig. Chaidh Ceum1 (2005-08) anns an robhar a’ cruthachadh bunait deasachaidh agus teacsa dhan fhaclair a dhèanamh aig Oilthigh Dhùn Èideann do stiùireadh an Ollaimh Uilleam MacIllIosa agus an Ollaimh Dòmhnall Meek, Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba Ann an Ceum 2, cruthaichear stòr-dàta làn-theacsa de Ghàidhlig na h-Alba às an tèid am faclair a chur ri chèile.  Tha am pròiseact seo air a stiùireadh leis an Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh ann an Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu fo bhratach pròiseact An Digital Archive of Scottish Gaelic (DASG). ’S e pròiseact cudromach fad-ùine a th’ ann am Faclair na Gàidhlig a lìbhrigeas goireas a tha deatamach airson na cànain. Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn a’ phròiseict: www.faclair.ac.uk

Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA)

‘S e pàirt air leth cudromach de chultar na h-Alba a th’ ann an ainmean-àite a dh’innseas dhuinn tòrr mu eachdraich, àrainneachd agus cànain. 'S e Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) an com-pàirteachadh nàiseanta airson comhairle a chumail air ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba agus 's e prìomh amas na pròiseict a bhith ag aontachadh cruthan cearta cunbhalach ainmean-àite Gàidhlig airson mhapaichean, shanasan is cleachdadh san fhairseangachd. Bidh a’ phròiseict a' cleachdadh eòlas nam buidhnean com-pàirteachaidh, eòlais ionadail agus thùsan eachdraidheil gus dreachan reachdail aontachadh air ainmean-àite Gàidhlig. Bithear a' leantainn chleachdaidhean litreachaidh stèidhichte a leithid Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig agus stiùiridh a dheasaich AÀA air ainmean-àite Gàidhlig gus taic a chumail ris an obair. Tha a’ phròiseict air a bhith ag obair cuide ri Ordnance Survey, comhairlean ionadail, ùghdarrasan rathaid is buidhnean poblach bho 2000, a' liubhairt ainmean-àite Gàidhlig airson mhapaichean, shoidhnichean agus nithean foillsichte eile. Mar phàirt den phròiseict, tha AÀA a' steidheachadh clàr-àitean (Stòr-data) nàiseanta ainmean-àite Gàidhlig mar a chaidh ainmeachadh ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig airson fiosrachadh earbsach air ainmean-àite Gàidhlig a chur an cèill.

Gheibhear greim air an clàr-àitean aig AÀA air loidhne, tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseict, aig: www.gaelicplacenames.org

Soillse

‘S e com-pàirteachas rannsachaidh a tha ann an Soillse a tha a' toirt còmhla Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Ghlaschu is Oilthigh Dhùn Èideann.   Chaidh Soillse a stèidheachadh air sàilleabh gu bheil goireasan rannsachaidh a dhìth aig ìre ro-innleachd a tha comasach air fianais, dearbhadh agus tuigse fhreagarrach a thoirt do phoileasaidhean poblach a tha/bhitheas air an dealbhachadh airson ath-nuadhachadh a thoirt air cor na Gàidhlig ann an Alba san latha an-diugh agus san àm ri teachd.

Tha amasan dùbhlanach aig Soillse ri choileanadh agus feumaidh na com-pàirtichean acadaimigeach agus na buidhnean poblach eile obrachadh còmhla airson toraidhean a’ phròiseict a thoirt gu buil. Cuideachd tha na toraidhean agus na buannachdan ris a bheilear an dùil à obair rannsachaidh Shoillse a' crochadh air ceanglaichean làidir agus ciallach a stèidheachadh le coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Alba.  Tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseict, aig: www.soillse.ac.uk

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn na phròiseictan:

Data Analyst, Lèirsinn: Brian MacDonald BSc (Hons)

Office Manager, Lèirsinn: Maria Russell BA, MA (Hons)

www.leirsinn.smo.uhi.ac.uk

Post-d: leirsinn@smo.uhi.ac.uk
Fòn: +44 [0]1471 888 550

Co-òrdanaiche a’ Phròiseict, Faclair na Gàidhlig: Lorna Pike

www.faclair.ac.uk

Post-d: lp.smo@uhi.ac.uk
Fòn: +44 [0]1471 888 273

Co-òrdanaiche a’ Phròiseict, Ainmean-Àite na h-Alba: Eilidh Scammell

www.gaelicplacenames.org

Post-d: fios@gaelicplacenames.org
Fòn: +44 [0]1471 888 120

Soillse Phròiseict

www.soillse.ac.uk

Post-d: fios@soillse.ac.uk
Fòn: +44 [0]1471 888559

map_01.png

Fàs, Sabhal Mòr Ostaig, Sleat, Isle of Skye, IV44 8RQ

 

Find an Expert | Publications | Energy | Health | Environment | Nordic | Marine | Contacts