Tha cuireadh ga thoirt do alumni UHI beachdachadh air
a bhith nam buill de dh’Fhonndas
UHI – buidheann chudromach a chuidicheas agus a
bheir buaidh air a’ chùrsa ro-innleachdail a thogas com-pàirteachas
an oilthigh.
Tha caochladh eachdraidhean is gnàth-eòlais aig buill
an Fhonndais, agus seallaidhean luachmhor a chuidicheas le bhith a’
stiùireadh ar misein, ar luachan agus na dòighe air am fàs sinn san
fhad-ùine. ’S e cothrom a th’ ann a bhith mar phàirt de choimhearsnachd
chom-pàirteachas an oilthigh nas fharsainge ann an dòigh bhrìoghmhor.
Ma tha ùidh agaibh cur ri beatha is riaghladh UHI, tha
sinn a’ moladh gu mòr dhuibh tagradh a dhèanamh. Neo, mas aithne
dhuibh cuideigin a dh’fhaodadh a bhith freagarrach, na bithibh leisg
am fiosrachadh seo a thoirt seachad.
Ma tha ceist sam bith agaibh mus cuir sibh a-steach
iarrtas, cuiribh fios chun an Oll Fiona Nic Ill Eathainn,
Reachdair an Fhonndais.