| Cuairt-litir an Earraich 2026: Sgeulachdan, Dreuchdan & Cothroman |
|
| | A Leughadh sa Bheurla Is e beagan mhìosan togarrach a bh’ againn air feadh UHI agus tha sinn air a bhith a’ cur seachad ùine a’ cur eòlas air na h-alumni againn agus a’ togail coimhearsnachd a bheir taic is meantoradh agus a cho-òrdanaicheas le chèile agus na h-oileanaich a th’ againn an-dràsta. Tha sinn a’ tional ainmeachaidhean airson Alumni na Bliadhna 2026, mar sin ma tha fios agaibh air duine sam bith a tha sibh a’ smaoineachadh a tha airidh air an urram seo, nach lìon sibh am foirm ainmeachaidh? Agus mar phàirt den phrògram Lèirsinn Gnìomhachais againn, tha sinn a’ toirt cuireadh do na h-alumni againn a thighinn còmhla rinn mar mheantoran do na h-oileanaich làithreach againn. Bha sinn cuideachd airson naidheachd fìor thogarrach a phàirteachadh mu Chamanachd.
Mar as àbhaist, ma tha beachdan sam bith agaibh air mar as urrainn dhuinn a bhith nas gnìomhaiche leis a’ choimhearsnachd alumni againn no ma tha sibh airson ur gnàth-eòlas agus ur n-ùine a thabhann gus a’ choimhearsnachd a neartachadh, cuiribh fios thugainn aig alumni@uhi.ac.uk Tapadh leibh airson a leughadh agus ma tha beachdan sam bith agaibh ri an toirt air ais, leigibh fios thugainn. Le deagh dhùrachd Iain MacEalair Oifigear Adhartachaidh is Alumni UHI Alumni na Bliadhna 2026 Ann an 2025, chaidh Andy Macleòid a chliùiteachadh airson an treubhais iongantaich a rinn e, a bhiodh na thogail-inntinn do dhuine, às dèidh tubaist baidhsagal a thug atharrachadh air a bheatha. Chaidh Andy, a chrìochnaich am BA aige ann an Riaghladh Dàn-Thurasachd aig UHI, air adhart gu bhith a’ farpais às leth Sgioba Bhreatainn ann am para-bhòrdadh-sneachda aig Cleasan Parailiompach a’ Gheamhraidh ann am Beijing 2022, agus a-nis tha e a’ toirt ùine do bhith a’ brosnachadh chàich tro obair coimhearsnachd agus tagradaireachd. Cò as aithne dhuibhse a dh’fhaodadh a bhith air Alumni na Bliadhna UHI airson 2026? Tha sinn a’ sireadh ainmeachaidhean airson Alumni na Bliadhna UHI 2026 agus a’ rùrach cheumnaichean air leth a bha ag ionnsachadh leinn thar nam bliadhnaichean. A bhith airidh, feumaidh an fheadhainn a dh’ainmichear a bhith nan seann oileanaich aig UHI a riaraicheas na cumhaichean a leanas: · thug iad buaidh mhòr air a’ choimhearsnachd agus/no; · shoirbhich iad gu sònraichte nan cùrsa-beatha proifeiseanta agus/no; · tha iad dealasach a thaobh beatha UHI no a’ cur rithe gu leantainneach Faodar feadhainn a chaidh ainmeachadh roimhid a chur a-steach a-rithist agus bu toil leinn buidheann mhòr de na h-alumni iongantach againn a bhith againn a chuireas sinn fa chomhair a’ phannail breithneachaidh. Ma tha fios agaibh air duine sam bith, ainmichibh iad an-diugh! Is e an ceann-ama 1 Ògmhios 2026. |
Mealadh-naidheachd mòr air sgiobaidhean Camanachd Fhireannach is Bhoireannach UHI Tha sgiobaidhean camanachd fhireannach agus bhoireannach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI), an dà chuid, air a’ chiad àite a chosnadh aig aon de na tachartasan as cliùitiche ann am mìosachan camanachd nan oileanach, Farpais bhliadhnail Littlejohn is McHue and Porter. Leughaidh sibh tuilleadh mun latha agus mu urrasair na sgioba, Kishorn, an seo |
Am b’ urrainn dhuibhse a bhith nur Meantor aig UHI? Agus e a’ ruith bhon Dàmhair chun a’ Ghiblein, bidh am prògram Lèirsinn Gnìomhachais againn a’ ceangal oileanaich san treas agus sa cheathramh bliadhna ri sàr-eòlaichean bhon raon ionnsachaidh a thagh iad, a bhith a’ bruidhinn air miannan dreuchdail, a’ cur ris a’ mhisneachd aca agus a’ beachdachadh air cothroman cosnaidh airson an ama ri teachd. Tha sinn a’ sireadh farsaingeachd de dhaoine a dh’fhaodadh meantoran a dhèanamh bho gach uile earrainn, leis gach uile seòrsa eachdraidh, agus aig gach uile ìre ann am buidheann. Agus cò a b’ fheàrr a bheireadh taic don bhuidheann de dh’oileanaich a th’ againn an-dràsta na alumnus o UHI? Ma tha sibh deònach gealltainn coinneachadh ris an neach a bhios sibh a’ meantoradh dìreach aon uair sa mhìos agus ma tha sibh ag iarraidh tuillidh fiosrachaidh, cuiribh gnothach thugainn alana.macleod@uhi.ac.uk |
Alumni is Oileanaich UHI ag Obair Còmhla aig Taisbeanadh Ealain ann an Inbhir Nis A bheil sibh air ur suidheachadh ann an Inbhir Nis no an àrainn mun cuairt agus dìoghrasach mu ealain? Air a chumail aig Stiùidiothan Telford (Aonad 8) ann am Pàirc Bhùitean Shràid Telford, Inbhir Nis. Tha cruinneachadh eadar-mheasgte de luchd-ealain – a’ gabhail a-steach alumni o UHI agus oileanaich làithreach bho Sgoil Ealain Mhoireibh (MSA) aig UHI Moireibh, còmhla ri luchd-ealain bho UHI Inbhir Nis – a’ tighinn còmhla airson taisbeanadh a tha ri tighinn aig stiùidiothan luchd-ealain ann am Pàirc Bhùitean Telford sa bhaile. Bidh an taisbeanadh seo, AIR NACH EIL FEUM PÀIGHEADH, a’ ruith bho Dhiluain 24 gu Diciadain 27 Cèitean, 11m–3f, le tachartas ro-sheallaidh sònraichte Didòmhnaich 23 Cèitean bho 5f–7f. Tha an taisbeanadh a’ tabhann cothrom don luchd-ealain a bhith an sàs ann am pròiseas co-obrachail a bheir taic do leasachadh agus leigeil ris an cuid obrach, agus cuideachd gnàth-eòlas air taisbeanadh a chur air dòigh. THA FÀILTE AIR A H-UILE DUINE! 👉 Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mun taisbeanadh agus an luchd-ealain a th’ ann an seo |
|
|
| | Tha ur prìobhaideachd cudromach dhuinn. Tha an t-oilthigh dealasach a thaobh a bhith a’ dìon an fhiosrachaidh phearsanta agaibh a rèir nan laghan co-cheangailte ri dìon dàta agus fiosrachadh pearsanta. Tha am brath prìobhaideachd seo a’ mìneachadh mar a thèid am fiosrachadh pearsanta agaibh a làimhseachadh is ùisneachadh leis an oilthigh. Faodaidh tu dì-chlàradh aig àm sam bith. Le bhith a’ briogadh air a’ cheangal gu h-ìosal, bidh tu a’ di-chlàradh bho GACH post-d bho UHI. Nam b’ fheàrr leat na dòighean conaltraidh agad innse dhuinn, cuir post-d thugainn aig alumni@uhi.ac.uk. |
|
| | | UHI House, Old Perth Road, Inverness, IV2 3JH |
|
|
|
| |
|