Home Alumni Buannachdan do dh’alumni

Buannachdan do dh’alumni

Às dèidh dhut ceumnachadh, bidh tu nad phàirt de choimhearsanachd alumni UHI, a bhios a’ toirt cothrom dhut air farsaingeachd de bhuannachdan agus seirbheisean; is fhiach e e mar sin thu a bhith a’ cur fios thugainn.

Mas urrainn dhut lùghdachadh a thabhann do na h-alumni eile no ma tha moladh agad a thaobh a bhith a’ cur ris an fharsaingeachd de bhuannachdan a bhios sinn a’ tabhann - bu toigh leinn gu mòr a bhith a’ cluinntinn bhuat!

Lùghdachaidhean

Farsaingeachd de lùghdachaidhean air an solar le companaidhean air an taobh a-muigh do bhuill nan alumni

Taic a thaobh dhreuchdan

Suas ri dà bhliadhna às dèidh dhut ceumnachadh gheibh thu cothrom air farsaingeachd de sheirbheisean air an solar le Ionad Dhreuchdan UHI.

Lorg caraid

Ma tha thu airson fios a chur gu caraid a bh’ agad aig an oilthigh, faodaidh gum bi e comasach dhuinn do chuideachadh, leis an t-seirbheis againn airson caraid a lorg.

Litir-naidheachd alumni UHI

Leugh naidheachdan mun oilthigh agus na h-alumni eile; faodaidh tu fo-sgrìobhadh ris an litir-naidheachd-d againn saor an asgaidh. Dèan cinnteach gu bheil seòladh puist-d againn air do shon a bhith a’ faighinn nan litrichean-naidheachd a bhios ann a-rithist.