Home Alumni Buannachdan do dh’alumni Lasachaidhean prìse

Lasachaidhean prìse

Cuir d’ainm sìos gus cairt bhuannachdan alumni fhaighinn

alumnicard.jpg

Buannachdan don Alumni

Nam bu toigh leat gabhail ann am prògram bhuannachdan nan alumni, cha leig thu leas ach d’ fhiosrachadh a chur a-steach gu h-ìosal agus cuiridh sinn cairt ballrachd thugad agus fiosrachadh a thaobh mar a gheibh thu na buannachdan gu h-ìosal! No nuair a dh’ùraicheas tu d’fhiosrachadh – cuir strìochag sa bhogsa aig a’ bhonn ri taobh ‘Bu toigh leam na buannachdan a th’ ann do dh’alumni fhaighinn’!

Barrachd bhuannachdan ri thighinn! Cùm sùil air an duilleig seo airson fiosrachadh ùr.

Ma bhios e comasach dhutsa lasachadh prìse a thabhann do dh’alumni eile no ma bhios molaidhean agad mu bhith a’ cur ris an fharsaingeachd de bhuannachdan a bhios sinn a’ tabhann, bu toigh leinn gu mòr a bhith a’ cluinntinn bhuat!

Ionnsachadh a bharrachd

Lasachadh prìse air cìsean for-cheuma

Faodaidh an alumni againn lasachadh de 10% fhaighinn air cùrsaichean for-cheuma teagaisgte aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Chan eil e comasach an lasachadh seo a chur còmhla ri bursaraidh, sgoilearachas no lasachadh prìse eile. Airson barrachd fiosrachaidh, bruidhinn ris an sgioba inntrigidh aig a’ cholaiste aig a bheil thu an dùil cùrsa a dhèanamh no cuir fios chun an loidhne fhiosrachaidh againn air 0845 2723600. (Nota: chan fheum cairt bhuannachdan alumni a bhith agad gus cothrom fhaighinn air an lasachadh prìse seo.

Sgoil Stiùiridh

Lasachadh de 10% ri fhaotainn don alumni uile a chlàraicheas air prògraman le Sgoil Stiùiridh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Lean ort leis an ionnsachadh agad aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean leis an Sgoil Stiùiridh aige agus coilion teisteanas aig ìre for-cheum, for-cheum iomlan no ceum maighstir; tagh bhon chaochladh phrògraman a tha ri fhaotainn dhut fon sgeama ceannardais is iomairt. Airson barrachd fiosrachaidh tadhail air làrach-lìn na Sgoil Stiùiridh no cuir fios gu Fiona Ryan, Oifigear na Sgoil Stiùiridh air 01463 279347 no fiona.ryan@uhi.ac.uk. Bidh agad ris an àireamh alumni agad a thoirt seachad.

 

Siubhal

Arnold Clark

Lasachadh de 15% air reataichean coitcheann. Bidh Arnold Clark Car & Van Rental a’ ruith aon de na cabhlaichean as motha de charbadan a th’ air mhàl an Alba. Tha còrr is 30 àite aca air feadh na dùthcha cho math ri seirbheisean bus aig a h-uile port-adhair an Alba.

Book Learn Pass

Gheibh thu leasanan dràibhidh barraichte le neach-teagaisg dràibhidh làn theistichte, faodaidh tu cleachdadh ann an àrainneachd fhaighidneach is faotainn tron deuchainn dràibhidh agad ann an ùine ghoirid, nuair a dh’ionnsaicheas tu dràibheadh air fear de na cùrsaichean dràibhidh pearsanaichte againn.

Gheibh thu lùghdachadh de 10% air prìs do leasanan nuair a dh’uisnicheas tu an còd lasachaidh UHALUMNI10 an àm dhuit clàradh.

BookTaxiBarcelona

Lasachadh de 10% air tursan prìobhaideach eadar puirt-adhair aig còrr is 4000 àite air feadh an t-saoghail.

Le cabhlach mòr de charbadan de dh’àrd inbhe, bidh BookTaxiBarcelona a’ tabhann tursan air leth aig prìsean reusanta aig na puirt-adhair as motha san t-saoghal. Faodaidh luchd-obrach, alumni agus oileanaich feum a chur air an lasachadh seo le bhith a’ leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal.

( Barcelona, Madrid, Mallorca, Sevilla, Valencia, Tenerife, Gran Canaria, Venice, Milan, An Ròimh, Istanbul, Paris, Berlin, Lunnainn, Amsterdam, Prague, Na Stàitean Aonaichte)

Euro Car Parts

Lasachadh de 15%. Tha Euro Car Parts toilichte lasachadh de 15% a thabhann don alumni againn air bathar agus seirbheisean air-loidhne leis a’ chòd UHI15. Obraichidh an còd ron Sultain 2017 air a h-uile rud air-loidhne.

Forest Holidays

Lasachadh de 10% air àiteachan an Alba. Gabh fois le Forest Holidays le bothan fèin-frithealaidh air leth ri taobh an loch le tuba teth prìobhaideach! Faigh lasachadh de 10% aig Àird a’ Ghartain ann an Earra-Ghàidheil no Srath Eadhair – làithean-saora foirfe do theaghlaichean, càraidean agus buidhnean. Cleachd UHI15 gus 10% a shàbhaladh aig www.forestholidays.co.uk no fòn 03330 110495 leis a’ chòd seo.Tha lasachadh prìse ri fhaotainn air prìs a’ bhothain a-mhàin agus chan ann air rudan a bharrachd. Chan fhaod tu seo a chleachdadh le lasachadh sam bith eile no an dèidh dhut pàigheadh.

MyDriver

Is e a th’ ann am MyDriver seirbheis dràibheir is aiseig phuirt-adhair eadarnàiseanta a thairgeas carbadan àrd-luach air prìs tagsaidh. Is e carbadan àrd-luach dubha a tha sna càraichean againn air fad agus mas ann ag òrdachadh aiseag on phort-adhair a tha thu, cuiridh na dràibhearan againn fàilte ort an talla nam pleunaichean a-steach le soidhne ainm. Bidh na turasan againn air fad air an òrdachadh ro làimh is thèid an cur air a’ chairt chreideis agad aig deireadh an turais. Caomhnaidh tu €15 le myDriver leis a’ chòd cùpoin UHI-ALUMNI. Cuir còd a’ chùpoin a-steach aig a’ cheum mu dheireadh an àm dhuit òrdachadh.

One Stop Worldwide

Is e a th’ ann an One Stop Worldwide companaidh stòraidh is longais nàiseanta a tha a’ speisealachadh ann an seirbheisean imrich san RA, seirbheisean imrich eadarnàiseanta, agus stòradh pearsanta. Tha One Stop Worldwide ag iarraidh lasachadh de 10% a thairgsinn do dh’alumni UHI air na seirbheisean seo, a ghabhas cur an gnìomh air loidhne an àm a bhith ag iarraidh prìs. Uisnich an còd lasachaidh: DISC-125574 gus am faigh thu lùghdachadh de 10%!

Rhino Car Hire

Lasachadh de 10%. Tha Rhino Car Hire na bhròcair iasad chàraichean a th’ air duaisean a bhuannachadh is bidh e a’ tabhann phrìsean farpaiseach air iasad chàraichean ann an còrr is 30,000 àite air feadh an t-saoghail. Tha e toilichte lasachadh prìse de 10% a thabhann don alumni air a h-uile carbad. Cliog an seo gus an làsachadh prìse fhaighinn.

SNO Holidays

Lasachadh de 5% air a’ phrìs anns an leabhran: bidh SNO a’ tabhann làithean-saora sgithidh air feadh an t-saoghail, a’ fàgail bho phuirt-adhair ann an Inbhir Nis, Obar Dheathain air puirt-adhair eile na RA. Tha an lasachadh prìse cuideachd ri fhaotainn air làithean-saora samhraidh SNO. Bidh agad ris a’ chàirt bhuannachdan agad a shealltainn no fiosrachadh mun chùrsa a rinn thu agus an ceann-là a cheumnaich thu a thoirt seachad nuair a phàigheas tu.

T2 Transfer

Feuch am faigh thu lasachadh de 10%. Is e companaidh thagsaidhean anns an Fhraing a th’ ann an T2 Transfer a sholaireas seirbheisean tagsaidh o na puirt-adhair air fad chun àite sam bith san Fhraing. Gheibh thu lasachadh de 10% nuair a dh’òrdaicheas tu tagsaidh air an làraich-lìn againn. Cuir UHIT2 sa bhogsa airson puingean sònraichte air an fhoirm ghleidheil gus am faigh thu lasachadh de 10% gach uair a dh’òrdaicheas tu tagsaidh. Tagh an iris no na h-irisean a bu toigh leat fo-sgrìobhadh riutha. Nuair a ruigeas tu an cuntair, cuir a-steach am fiosrachadh agad air fad aig a’ bhonn; cuir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean sa bhogsa airson ‘Àite ionnsachaidh/teagaisg’, agus an sin an ‘Cùrsa ionnsachaidh’ agad agus a’ ‘Bhliadhna anns an tàinig an t-ionnsachadh/teagasg gu crìch’.

Uni Baggage

Lasachadh de 10% air òrdughan. Is e Uni Baggage aon de na prìomh sheirbheisean lìbhrigidh bhagaichean san RA, a’ tabhann seirbheis lìbhrigidh bho doras gu doras air feadh an t-saoghail. Faigh lasachadh de 10% air a h-uile òrdugh le bhith a’ cleachdadh an còid UBUHI10 nuair a phàigheas tu.

Wimdu

Lasachadh de £25 nuair a chosgas tu £80 no barrachd. Is e Wimdu solaraiche àitean-fuirich son saor-làithean a tha rud beag eadar-dhealaichte. ’S urrainn dhut taigh, flat agus fiù ’s seòmraichean prìobhaideach a ghabhail air mhàl bho dhaoine fa leth. Le còrr is 300,000 àite air feadh an t-saoghail, le àireamh mhòr ann an Alba. Tha rudeigin ann airson a h-uile buidseat.

Ceannach

Fo-sgrìobhaidhean ri irisean

Sàbhail suas ri 70% air fo-sgrìobhaidhean ri irisean. Faigh na prìsean as ìsle nuair a nì thu fo-sgrìobhadh ri farsaingeachd de dh’irisean leithid The Economist, Vogue, GQ, Time agus New Scientist.

boohoo.com

Lasachadh de 10% air a h-uile sreath. Is e Boohoo aon de na bùitean aodaich air-loidhne as motha anns an RA, a’ tabhann aodaich fasanta aig prìsean reusanta.

ChrisElli

Lasachadh de 12% do dh’alumni air prìsean a tha lughdaichte mar-thà. Cleachd an còd HIGH12 nuair a phaigheas tu. Chan eil seo ri fhaotainn air uaireadairean, speuclairean-grèine, seudraidh no bagaichean-làimhe a tha aig prìs lughdaichte mar-thà air an làraich.

Craigdon Mountain Sports

Lasachadh de 15% sa bhùth agus air loidhne. Le còrr is 20 bliadhna de ghnàth-eòlas tha farsaingeachd mhìorailteach de bhathar aig Craigdon Mountain Sports airson a’ bhlàir a-muigh cho math ri luchd-obrach a tha fiosrach, dealasach. Airson lasachadh de 15% fhaotainn sa bhùth, leig fhaicinn a’ chairt bhuannachdan alumi UHI aig a’ chuntair. Airson lasachadh de 15% fhaotainn air loidhne, clàraich leis an sgeama dhìlse aca an toiseach agus an sin cuir: Alumni UHI sa bhogsa: ‘Ma tha thu nad bhall de chlub no buidheann cuir sìos e ann an seo’.

Deckinghero

Lasachadh suas ri 20% air stuthan airson ùrlaran dèile sa ghàrradh o àireimh de an com-pàirtichean cliùiteach leithid Wickes, B&Q;, Wood N Beyond is eile. Airson na lasachaidhean as ùire fhaotainn, bu chòir do dh’alumni UHI post dealain a chur chun mail@deckinghero.com, a’ toirt iomradh air ‘UHIUNIDISCOUNT’. Cuiridh aon de na riochdairean aca fios leis na lasachaidhean as ùire.

FreestyleXtreme

Lasachadh de 10% air a h-uile òrdugh.

Is e FreestyleXtreme aon de na bùitean as motha air-loidhne airson spòrs gnìomha, a’ speisealachadh ann an stuthan Motocross, MTB agus BMX. Bidh FreestyleXtreme cuideachd a’ reic farsaingeachd mhòr de dh’aodaich do dh’fhireannaich is boireannaich bho DC Shoes, Fox Racing, etnies, Alpinestars, Volcom agus tòrr a bharrachd. Aig a’ Chuntair, dìreach cuir an còd uothai sa bhogsa airson ‘Eàrlas a Chur gu Feum’ gus an tèid an lasachadh a chur an gnìomh.

High Octane Sport

Lasachadh de 12%. Tha High Octane Sport a’ tairgsinn lasachadh a bharrachd de 12% gu sònraichte do dh’alumni, air na prìsean aca a tha lùghdaichte cheana. Chan eil an tairgse seo a’ gabhail a-steach uidheam spòrs a tha cheana san fhèill-reic air an làraich-lìn aca. Cuir a-steach an còd HIGH12 aig a’ chuntair.

Houston Kiltmakers

Lasachadh de 10% air fèilidhean air iasaid agus 5% air fèilidhean air an dèanamh dhut fhèin agus pacaichean. Gnothachas teaghlaich a th’ air a bhith ann fad còrr is 100 bliadhna. A’ reic fèilidhean, tartan agus aodach na Gàidhealtachd. Fèilidhean air iasaid no ri a cheannach.

Husse Premium Pet Foods (lasachadh alumni bho alumnus!)

Lasachadh de 10%. Is a th’ann an Husse companaidh Suaineach a th’ air duaisean a bhuannachadh, a bhios a’ reic biadh pheataichean de dh’àrd-inbhe. Is e companaidh beus-eòlach a th’ann a bhios a’ dearbhadh co às a thigeas am bathar air fad aice. Bidh i a’ tabhann biadh do choin is do chait (fliuch agus tioram) agus bathar do dh’eich. Innsidh luchd-obrach dhut mun mheud a bu chòir dhut a bhith a’ toirt do pheataichean gach latha – gu tric tha e nas lugha na bhiodh tu an dùil. Lìbhrigeadh an asgaidh don Ghàidhealtachd agus do na h-Eileanan. Cuir fios gu ghillean@husse.co.uk a bhruidhinn mu bheathachadh pheataichean no lasachaidhean air meud nas motha. Cleachd INV10 airson an lasachaidh.

Naked Floors

Tha Naked Floors a’ tairgsinn lasachadh de 10% dhuit air na stuthan daraich aca airson còmhdachadh-ùrlair. Tha am bathar aca barraichte do dhuine sam bith a tha ag iarraidh an taigh aca ath-nuadhachadh is a bhith a’ cur ris an luach a th’ ann aig an aon àm. Tha farsaingeachd de dh’ùrlaran daraich aca eadar darach geal a tha steinnte gu h-iongantach grinn le deatach agus còmhdachadh parquet air an nòs Fhrangach le pàtran de shaidhean. Chan eil agad ach iomradh a thoirt air 'alumniuhi' an àm dhuit a bhith a’ faighneachd mu bhathar air a’ fòn no le post dealain is gheibh thu lasachadh de 10%.

Nevisport

Lasachadh de 15%. Tha Nevisport aithnichte mar bhùth a bhios a’ reic aodach agus uidheam a’ bhlàir a-muigh. Tha 12 bùthan aige ann an Sasainn agus Alba. Fhad ’s a bhios e a’ speisealachadh ann an uidheam airson sreapadaireachd, sgitheadh agus campadh, cho math ri aodach, ’s e amas Nevisport seirbheis air leth agus prìsean farpaiseach a thoirt do luchd-ceannaich. Airson lasachadh de 15% fhaotainn air loidhne, uisnich an còd lasachaidh: UHIALUMNI15 (ann an litrichean mòra mar a tha e an seo). Airson lasachadh de 15% fhaotainn sa bhùth, leig fhaicinn a’ chairt bhuannachdan alumni agad. Cha ghabh an tairgse cur còmhla ri tairgse sam bith eile. Cha bhuin an tairgse ri gnothaichean a tha ann am fèill-reic.

Pen Heaven

Lasachadh de 12%. Tha Pen Heaven a’ tabhann aon de na cruinneachaidhean air-loidhne as motha de phinn, cho math ri seirbheis gràbhailidh. Bidh iad a’ tabhann seòrsachan aithnichte leithid Parker agus Cross, cho math ri seòrsachan a tha rud beag eadar-dhealaichte agus de luach air leth. Tha seo a’ gabhail a-steach sheataichean ealain-sgrìobhaidh traidiseanta às an Eadailt, leabhraichean leathair agus sreath de phinn de dh’àrd-inbhe à Iapan. Airson lasachadh de 12% fhaotainn, cuir a-steach an còd HIGHLANDPEN air loidhne.

The Snugg

Lasachadh de 10% air òrdugh sam bith. Bidh The Snugg a’ dèanamh is a’ reic cèisean de luach is càileachd àrd airson nan innleachdan as cliùitiche air a’ mhargadh mar a tha an iPad, iPhone agus toraidhean Nexus. Is e reiceadair platanaim a th’ annta air margadh Amazon, is bidh iad a’ solar chèisean air feadh an t-saoghail do chòrr is 200 dùthaich. Airson cothrom a ghabhail air an tairgse seo, cuir a-steach UHI10 sa bhogsa thairgsean air an duilleig bhasgaid.

Sunglasses2U

Lasachadh de 12% do dh’alumni air prìsean a tha lughdaichte mar-thà. Cleachd an còd HIGH12 nuair a phaigheas tu. Chan eil seo ri fhaotainn air speuclairean-grèine a tha aig prìs lughdaichte mar-thà air an làraich.

The Snugg

Lasachadh de 10%. Bidh The Snugg a’ dèanamh agus a’ reic mhàileidean de dh’àrd inbhe airson innealan leithid iPad, iPhone agus Nexus. Tha ìre platanum aca anns an àite mhargaidh aig Amazon agus bidh iad a’ reic mhàileidean air feadh an t-saoghail, ann an còrr is 200 dùthaich. Tha bùitean aca ann an ochd dùthchannan cuideachad agus reic iad còrr is millean màileidean gu ruige seo.

Watches2U

Lasachadh de 12% do dh’alumni air prìsean a tha lughdaichte mar-thà. Cleachd an còd HIGH12 nuair a phaigheas tu. Chan eil seo ri fhaotainn air uaireadairean a tha aig prìs lughdaichte mar-thà air an làraich.

 

Slàinte agus sunnd

Counselling Oasis

Lasachadh de 25%. Is e gnothachas comhairleachaidh a th’ ann an Counselling Oasis, a tha stèidhte ann am meadhan Inbhir Nis. Lasachadh prìse air seiseanan eadar 8m agus 4f tron sheachdain (feum air cairt alumni). Co-chomhairleachadh an asgaidh: leigidh seo leat coinneachadh ris an neach-chomhairleachaidh agad a bhruidhinn mu na draghan a th’ ort.

High Life

Ballrachd 12 mhìos air a’ phrìs a phàigheadh tu air 10. Le ballrachd High Life, a gheibh thu air prìs nach bi ro dhaor agus a ghabhas cur gu feum ann an caochladh dhòighean, bidh cothrom agad air farsaingeachd de ghnìomhachdan agus dibhearsainean thar naoi raointean seirbheise air feadh na Gàidhealtachd - bho ghoireasan chur-seachadan, raointean-cluiche agus leabharlainn, gu tasglainn, gaileiridhean ealain agus a thuilleadh!

Medigo

Bidh Medigo a’ cuideachadh mìltean de dhaoine gach bliadhna a tha airson siubhal thall thairis airson cùram-slàinte. Tha iad a’ tabhann lasachadh de 10% aig gin de na ceudan de clionaigs aca air feadh an t-saoghail. Am measg an leigheis a tha ri fhaotainn tha fiaclaireachd, leigheas tinneas-cridhe, IVF agus leigheas cruth. Lorg clionaig freagarrach agus cuir a-steach an còd 'MEDIGO_10' air an fhoirm a dhèanamh cinnteach gum faigh thu an lasachadh air leigheas sam bith a gheibh thu. Tha e saor an asgaidh barrachd fiosrachaidh iarraidh. Chan eil ceann-ama aig an lasachadh seo.

Seirbheisean proifeiseanta

Bost Design

Lasachadh de 10%. Tha dealbhaiche grafaigeach air a’ Ghàidhealtachd a’ tabhann lasachadh prìse de 10% air co-chomhairleachadh dealbhachaidh a mhaireas uair a thìde. Leig fhaicinn do chairt bhuannachdan alumni gus am faigh thu lasachadh.

Loganair

Tha Loganair is Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag obair còmhla feuch am bi ceanglaichean nas fheàrr ann sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan do na h-alumni againn. Ma tha thu a’ planadh tachartas gnothachais, faodaidh gum bi comas aig Loganair cuideachadh le prìsean lùghdaichte feuch an tig barrachd dhaoine ann. Ma tha seo ùidheil dhuit, cuir post dealain ar n-ionnsaigh le fios mun tachartas agad agus mar a tha thu a’ dèanamh margaideachd air, còmhla ris na h-àireamhan de dhaoine a dh’fhaodadh a bhith a’ siubhal don tachartas.

Prime Office Space­

Bileag Amazon as fhiach £50 nuair a ghabhas tu oifis air mhàl fad trì mìosan no barrachd. Bidh Prime Office Space a’ tabhann seirbheis do chompanaidhean a tha a’ lorg oifisean roinnte, sealach, sùbailte agus frithealaichte air feadh na RA. Chan eil cìs ri a phàigheadh agus cha leig thu leas gabhail ris na bhios i a’ lorg. Bidh comhairlich ag obair gu dhlùth còmhla riut gus an t-àite ceart aig a’ phrìs ceart a lorg dhut. Feuch an toir thu iomradh air UHI Alumni an àm a bhith ag òrdachadh is leig fhaicinn do chairt bhuannachdan nuair a thèid iarraidh ort.

Print-Print

Lasachadh de 10% air a h-uile rud ach leabhrain sanais.

Tha Print-Print na companaidh clò-bhualaidh air-loidhne a bhios a’ dèanamh bileagan, postairean, brataich rolaidh, càirtean gnothachais agus stuth-sgrìobhaidh. Cleachd UHI.AC.UK-10 nuair a phàigheas tu. Chan eil an lasachadh prìse seo ri fhaotainn airson leabhrain-sanais.   Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu Dean Williams, sales@print-print.co.uk

Aithris-àichidh

Tha am fiosrachadh an lùib na làraich-lìn seo mar fhiosrachadh coitcheann a-mhàin. Fhad ’s a bhios sinn a’ feuchainn ris an fhiosrachadh a chumail ceart agus freagarrach, chan eil sinn a’ toirt gealltanas no barrantas de sheòrsa sam bith seachad, a tha follaiseach no ri thuigsinn, mu iomlanachd, cruinneas, freagarrachd no faotainneachd a thaobh an làraich-lìn no an fhiosrachaidh, a’ bhathair, nan seirbheisean, no grafaigs ceangailte an lùib na làraich-lìn air adhbhar sam bith. Mar sin, ’s ann an urra riut fhèin dè an earbsa a tha thu a’ cur air an fhiosrachadh.

Cha bhi Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ moladh bathar, pròiseas no seirbheis malairteach sam bith. Mar sin, far a bheileas a’ toirt iomradh air bathar, pròiseasan no seirbheisean air làrach-lìn an oilthigh, www.uhi.ac.uk, cha bu chòir seo fhaicinn mar mholadh.

Chan eil an t-oilthigh a’ toirt taic do bhuidhnean a bhios a’ sponsaireadh làraich-lìn air an taobh a-muigh ris am bi e a’ solar cheangalan. A bharrachd air seo, chan eil an t-oilthigh a’ toirt taic do bhathar no seirbheis sam bith a dh’fhaodadh buidhnean den t-seòrsa seo a thabhann. A bharrachd air seo, chan eil smachd aig an oilthigh air cho ùr, ceart, iomchaidh no iomlan is a tha fiosrachadh air làraich-lìn air an taobh a-muigh ris am bi e a’ solar cheangalan. Chan urrainn don oilthigh cleachdadh stuth fo dhlighe-sgrìobhaidh ceadachadh ma bhios seo foillsichte air làraich-lìn air an taobh a-muigh ris am bi e a’ solar cheangalan. Feumaidh luchd-cleachdaidh cead fhaighinn bho sponsairean nan làraich-lìn sin.

Chan eil an t-oilthigh cunntachail airson conaltradh a dh’fhaodadh luchd-cleachdaidh fhaighinn bho làraich-lìn air an taobh a-muigh ris am bi e a’ solar cheangalan.