Taic dhreuchdan
Chan eil thu cinnteach dè an ath rud a nì thu? A’ coimhead airson obair? A bheil thu airson leantainn air adhart ag ionnsachadh chun na h-ath ìre? Am feum thu do CB ùrachadh, ullachadh airson agallamh, no dìreach beagan taic a dhìth gus do thoirt air adhart?
Tron t-seirbheis FutureMe againn, bidh sinn a’ tabhann taic leasachaidh dreuchd, uair sam bith a bhios feum agad air agus ge bith càite a bheil thu san t-saoghal.
- cuir coinneamh air dòigh le sgioba Dhreuchdan UHI
- luchdaich suas do CB airson fios-air-ais pearsanta
- cuir air dòigh agallamh mas-fhìor
- rannsaich a’ Bhùth Obraichean air-loidhne
- cothrom fhaighinn air raon farsaing de ghoireasan taic

Cuir fios thugainn
Ma tha ceist agad faodaidh tu fios a chuir thugainn aig careers@uhi.ac.uk.
Tha cuideachd raon de ghoireasan fèin-chuideachaidh rim faighinn air làrach-lìn UHI Careers website

Pod-Craolaidh FutureMe
A’ roinneadh raon de sgeulachdan mu dhreuchdan agus cnapan de chomhairle luachmhor bho luchd-fastaidh, comhairlichean dhreuchdan, oileanaich is ceumnaichean, dìreach gu na cluasan agad!