Home Alumni Comhairleachadh Dhreuchdan le Alumni

Comhairleachadh Dhreuchdan le Alumni

mentoralumni.jpgDè th’ ann an comhairleachadh dhreuchdan le alumni?

Is e a th’ ann an comhairleachadh dhreuchdan le alumni cothrom do dh’oileanaich a bhith a’ coinneachadh ri ceumnaichean a tha a-nis stèidhte san dreuchd aca. Faodaidh tu tuigse a thoirt do dh’oileanaich air an dreuchd agad agus leigeil leotha buil a dhèanamh den fhiosrachadh a th’ agad oirre. Bheir seo do na h-oileanaich an t-eòlas a bhith a’ dealbhadh an adhartais fhèin a dh’ionnsaidh nan amasan a th’ aca a thaobh dreuchd.

Dè na buannachdan a th’ ann do chomhairlichean?

Bu toigh le tòrr cheumnaichean ceangal a bhith aca ris an oilthigh fhathast, agus a bhith a’ cur ri soirbheas nan oileanach ùr ann an dòigh air choireigin. Faodaidh tu an dà chuid a dhèanamh a-nis le bhith a’ cur d’ ainm air adhart mar alumnus comhairleachaidh dhreuchdan. Cho math ri bhith a’ cur ri soirbheas UHI, bidh tu a’ toirt buaidh dhìreach air an t-soirbheas a bhios aig oileanaich ùra san àm ri teachd le bhith gan stiùireadh ann a bhith a’ planadh dhreuchdan. Is e rud gu math brosnachail a th’ ann a bhith a’ cur an eòlais agad fhèin gu feum is thu a’ cuideachadh oileanaich ùra.

Le bhith a’ gabhail pàirt bidh a’ bhuidheann agad fhèin nas fhollaisiche aig UHI agus am measg na feadhna a dh’fhaodadh a bhith ag obair dhut san àm ri teachd. Tha cuideachd cothroman ann a bhith a’ dèanamh ceangal ri UHI ann an dòighean eile, le bhith a’ solar ghreisean-gnìomhachais no a’ bruidhinn aig tachartasan dhreuchdan.

Dè na riatanasan a th’ ann a bhith nad chomhairleach?

A bhith nad chomhairleach, feumaidh tu a bhith nad cheumnaiche bho UHI. Chan eil e gu diofar an ann o chionn fhada no o chionn ghoirid a cheumnaich thu. Tha alumni a tha stèidhte sna dreuchdan aca foirfe mar chomhairlichean, ach tha mòran cheumnaichean eile a nì comhairlichean matha cuideachd. Ma tha thu a’ dèanamh ionnsachadh for-cheum, obair choimhearsnachd no obair shaor-thoileach bu toigh leinn cluinntinn bhuatsa cuideachd.

Ciamar a thèid mo chàraideachadh ri oileanaich?

Cuiridh oileanaich fios a dh’ionnsaidh a’ cho-òrdanaiche chomhairlichean a chàraidicheas iad ri comhairleach alumni a tha ag obair anns an t-seòrsa obrach a tha iad ag iarraidh. Ma dh’obraich thu ann an àireamh de ghnìomhachasan, cuir seo air an fhoirm agad agus faodaidh sinn do chur fo àireamh de dhreuchdan.

Ciamar a chomhairlicheas mi oileanaich?

Bidh comhairleachadh a’ gabhail àite air a’ fòn no air-loidhne, ach ma bhios an dithis agaibh a’ fuireach faisg air a chèile, faodaidh gum bi sibh airson coinneachadh aghaidh ri aghaidh. Tha e an urra ribh fhèin am bi coinneamh no àireamh de choinneamhan eadaraibh.

Cuin as urrainn dhomh pàirt a ghabhail?

Tha sinn daonnan a’ lorg chomhairlichean ùra. Faodaidh tu iarrtas a chur a-steach aig àm sam bith.

Ciamar a ghabhas mi pàirt?

A ghabhail pàirt ann an lìonra comhairleachaidh dhreuchdan nan alumni, lìon am foirm iarrtais air-loidhne. No faodaidh tu a leigeil a-nuas agus a lìonadh.  Na gabh dragh ged a dh’atharraicheas an suidheachadh agad, agus gun chomas agad a bhith nad chomhairleach tuilleadh.  Faodaidh tu an lìonra chomhairlichean fhàgail, no a ràdh nach bi thu ri fhaotainn, aig àm sam bith.

Dè an ath rud a thachras?

Aon uair ’s gum faigh sinn am foirm agad, cuiridh an co-òrdanaiche chomhairlichean fios thugad agus cuiridh iad d’ ainm ris an stòr-dàta chomhairlichean. Bheir iad dhut fiosrachadh tòiseachail gus am bi thu eòlach air an dreuchd.

Nam bu toigh leat barrachd fiosrachaidh mu chomhairleachadh dhreuchdan le alumni, cuir post-d chun kevin.sinclair@uhi.ac.uk.