Home Alumni Comhairleachadh Dhreuchdan le Alumni Iarrtas airson comhairleachadh dhreuchdan le alumni

Iarrtas airson comhairleachadh dhreuchdan le alumni

Lìon am foirm seo mas e do thoil e ma tha thu airson a bhith nad Alumnus Comhairleachaidh Dhreuchdan aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.  Gheibh oileanaich a thèid a chàraideachadh riut am fiosrachadh conaltraidh agad.  Nam bu toigh leat uair sam bith stad o bhith a’ gabhail pàirt mar chomhairleach, cuir fios gu kevin.sinclair@uhi.ac.uk.

Fiosrachadh pearsanta
Fiosrachadh mun obair agad
Inbhe obrach  



Fiosrachadh mu do chuid foghlaim
Gnìomhachdan agus roghainnean
Gnìomhachdan Alumni A bharrachd air comhairleachadh dhreuchdan le alumni, tha tòrr chothroman eile rim faotainn do Alumni a bhith ag obair le oileanaich. Cuir strìochag ri taobh gach cothrom anns a bheil ùidh agad. Cuiridh cuideigin bho sgioba an ionaid dhreuchdan fios thugad le barrachd fiosrachaidh.

Cumhaichean agus cùmhnantan an aonta choimhearlachaidh dhreuchdan

Le bhith a’ cur an fhoirm seo a-steach tha thu ag aontachadh:

- pàirt a ghabhail anns an t-seirbheis air na h-adhbharan a tha san amharc dhi a-mhàin, agus a’ daingneachadh gu bheil am fiosrachadh uile a thug thu air an fhoirm seo ceart, cho fad ’s as aithne dhut; droch-bhuil sam bith a thèid a dhèanamh den t-seirbheis, faodar dèiligeadh rithe a rèir reachdas na RA;

- gum faodar feum a dhèanamh den fhiosrachadh a chuireas tu a-steach gus dàta staitisteil air an t-seirbheis seo a chur còmhla;

- gum faodar fios a chur thugad air thuaiream san àm ri teachd gus fiosrachadh fhaighinn mu inbhe lìonra chomhairlichean nan alumni.

Le bhith a’ cur strìochag anns a’ bhogsa gu h-ìosal tha thu a’ dearbhadh gu bheil thu a’ tuigsinn agus a’ gabhail ris na cumhaichean agus cùmhnantan gu h-àrd agus an aithris dìon dàta.

Aithris dìon dàta

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) clàraichte fo Achd Dìon Dàta 1998. Cha tèid feum a dhèanamh den fhiosrachadh a bheir thu dhuinn ach a-mhàin buannachdan UHI a chur air adhart, a’ gabhail a-steach comhairleachadh, togail airgead, conaltradh agus brosnachadh cheanglaichean eadar UHI agus na h-alumni aige. Faodar feum a dhèanamh den fhiosrachadh airson farsaingeachd mhòr de ghnìomhachdan alumni. Faodaidh am fiosrachadh seo a bhith air a cho-roinn le Urras Leasachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (Àireamh carthannas Albannach SCO0344509) agus na com-pàirtichean acadaimigeach aig UHI. Mura bheil thu airson gun tèid am fiosrachadh agadsa a chur gu feum airson nan gnìomhan gu h-àrd cuir fios, mas e do thoil e, gu alumni@uhi.ac.uk no sgrìobh gu Oifis Leasachaidh, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Oifis Stiùiridh, Slighe Nis, Inbhir Nis, IV3 5SQ.