Duais Alumni 2021 - Lorna McNee

Tha tagraidhean a-nis fosgailte airson Duais Alumni 2021! susbaint

Tha tagraidhean a-nis fosgailte airson Duais Alumni 2021!

Tha Duais Alumni ag aithneachadh agus a’ comharrachadh thabhartasan agus choileanaidhean barraichte nan alumni againn.

Slatan-tomhais ion-roghnachd

  1. Feumaidh an tagraiche a bhith na oileanach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
  2. Bidh an neach-ainmichte air co-dhiù aon de na leanas a nochdadh:
    • Soirbheachas agus coileanadh sònraichte nan cùrsa proifeasanta;
    • Com-pàirt agus buaidh chudromach sa choimhearsnachd aca.
    • Dealas leantainneach agus tabhartas do Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

James Ellsmoor

Buannaiche Duais Alumni 2020 - James Ellsmoor

susbaint

Thoir an aire:

  • Feumar tagraidhean a chur a-steach ro mheadhan-oidhche air Didòmhnaich, 4mh Iuchar 2021.
  • Tha fàilte air neach sam bith ainmeachadh, a’ gabhail a-steach alumni, oileanaich agus luchd-obrach. Cuirear fàilte air fèin-ainmeachaidhean cuideachd.
  • Bithear a’ sùileachadh gum bi am buannaiche a’ gabhail pàirt ann am follaiseachd iomchaidh sam bith, a’ gabhail a-steach dealbhan agus a bhith an làthair aig tachartas taisbeanaidh.
  • Bithear a’ brosnachadh a’ bhuannaiche gu pàirt a ghabhail ann an co-dhiù aon ghnìomh ann am bliadhna na duaise aca, leithid a bhith a’ toirt seachad sgeulachd feart, sgrùdadh cùise no bhidio.
  • Thèid gach ainmeachadh a làimhseachadh gu dìomhair.
  • Ma tha ceist sam bith agad, cuir post-d gu alumni@uhi.ac.uk