2020 - James Ellsmoor

gd-content
susbaint

Tha sinn anabarrach fhèin toilichte foillseachadh gun e James Ellsmoor Alumnus na Bliadhna 2020!

Is e neach-tionnsgain, sgrìobhaiche agus sàr-eòlaiche air seasmhachd a th’ ann an James Ellsmoor agus e air fear de phrìomh ghuthan an t-saoghail air seasmhachd eileanan.

Cheumnaich e ann an 2018 le MLitt ann an eòlas eileanach bho Institiùd Rannsachaidh a Tuath an oilthighe aig Colaiste Arcaibh UHI agus b’ esan cuideachd oileanach iar-cheum na bliadhna Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. An àm dha bhith ag ionnsachadh airson a’ cheuma fho-cheum aige bha e air fear den fheadhainn a stèidhich Solar Head of State, buidheann neo-phrothaid a bhios ag obair le coimhearsnachdan beaga eileanach a dh’adhartachadh lùth grèine.

On a cheumnaich e tha James an dèidh Island Innovation a stèidheachadh, ceum togarrach air aghaidh ann an eòlas eileanach agus lìonrachadh eileanach. Bidh iad a’ cumail na h-Àrd-Choinneimh Eileanaich Mas-Fhìor bhliadhnail, a tharraingeas ceannardan righaltasan eileanach, luchd-acadaimigeach, agus com-pàirtean gnothachais à iomadh ceàrn den t-saoghal, agus tha fiughair am-bliadhna ri 10,000 a ghabhas pàirt o Shealtainn gu Samoa agus o Thiridhe gu Tobago.

Agus e na neach-siubhail digiteach, bha James ag obair is a’ siubhal ann am barrachd is 50 dùthaich agus bidh e a’ co-chomhairleachadh do cheannardan ann am buidhnean neo-riaghaltasach, an earrainn phrìobhaideach agus riaghaltas air cuspairean a bhuineas ri leasachadh seasmhach agus tionnsgaineachd. Tha an obair aige a’ gabhail a-steach poileasaidh air atharrachadh sa ghnàth-shìde, lùth ath-nuadhachail agus siubhal, agus tha sàr-eòlas sònraichte aige ann an stàitean beaga eileanach fo leasachadh.

Agus e air aithneachadh le Forbes's 30 Under 30, tha e dealasach mun ùidh a th’ aige ann an leasachadh seasmhach agus lùth ath-nuadhachail agus tha buidheann air a stèidheachadh aige aig a bheil buaidh air feadh an t-saoghail. Thoill e gu math duais Alumnus na Bliadhna 2020 a chosnadh. Meal-an-naidheachd oirbh James!

Leugh tuilleadh

James Ellsmoor

“Bha an t-eòlas agam aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean bunaiteach ann a bhith a’ cumadh mo ghnìomhachais agus mo shlighe agus tha mi air leth toilichte agus urramaichte a bhith a’ faighinn na duaise seo.

“Thòisich an oilthigh air obair agus sgrùdadh iomallach mus tàinig e gu bhith e riatanach am-bliadhna, agus tha mi toilichte fhaicinn gu bheil seo air an t-oilthigh a chur ann an suidheachadh nas fheàrr na a’ mhòr-chuid airson atharrachadh.

“Mholainn gu mòr e airson na h-àrainneachd obrach dhaineamach agus bheòthail a tha a’ cruthachadh cheanglaichean air feadh na sgìre. Tha e na urram a bhith a’ dèanamh charaidean agus cho-obraichean tro chom-pàirteachas an oilthighe a-nis air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a bha air a chomasachadh le cleachdadh ùr-ghnàthach an oilthighe air teicneòlas airson coimhearsnachd a thogail.”

James Ellsmoor