Duaisean Alumni 2022
Tha tagraidhean a-nis fosgailte airson Duaisean Alumni 2022!
Cleachd an foirm gu h-ìosal airson do thaghadh.
Tha Duaisean Alumni ag aithneachadh agus a’ comharrachadh thabhartasan agus choileanaidhean barraichte nan alumni againn.
Tha trì duaisean ann:
1. Duais Buaidh Alumni UHI
Ag aithneachadh alumni a tha a’ nochdadh soirbheachas agus coileanadh sònraichte nan cùrsa-beatha proifeasanta agus/no com-pàirt agus buaidh chudromach sa choimhearsnachd aca.
2. Iomairtiche Alumni UHI airson Duais Mathais
Ag aithneachadh alumni a tha a’ taisbeanadh ùr-ghnàthachadh agus dealas a thaobh atharrachaidhean tùsaireach a nì eadar-dhealachadh air dùbhlain chruinneil agus ionadail leithid seasmhachd àrainneachdail.
3. Duais Tosgaire Alumni UHI
Ag aithneachadh alumni a tha a’ dèanamh dealas leantainneach agus a’ cur ri UHI tron obair shaor-thoileach aca.
Thoir an aire:
- Feumaidh an tagraiche air bhith na oileanach aig UHI.
Feumar tagraidhean a chur a-steach ro mheadhan-oidhche air Didòmhnaich, 3 Iuchar 2022. - Tha fàilte air neach sam bith ainmeachadh, a’ gabhail a-steach alumni, oileanaich agus luchd-obrach. Cuirear fàilte air fèin-ainmeachaidhean cuideachd.
- Bithear a’ sùileachadh gum bi am buannaiche a’ gabhail pàirt ann am follaiseachd iomchaidh sam bith, a’ gabhail a-steach dealbhan agus a bhith an làthair aig tachartas taisbeanaidh.
- Bithear a’ brosnachadh a’ bhuannaiche gu pàirt a ghabhail ann an co-dhiù aon ghnìomh ann am bliadhna na duaise aca, leithid a bhith a’ toirt seachad sgeulachd feart, sgrùdadh cùise no bhidio.
- Thèid gach ainmeachadh a làimhseachadh gu dìomhair.
- Ma tha ceist sam bith agad, cuir post-d gu alumni@uhi.ac.uk