Fàilte bhon Phrionnsapal agus Iar-Sheansalair ùr againn

susbaint

Tha an treas caibideil againn a’ tòiseachadh…

Todd WalkerAir a’ mhìos seo tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ comharrachadh an deicheamh ceann-bliadhna aige. Tha e a’ riochdachadh sàr euchd ann an leasachadh roinn treas ìre na h-Alba, agus fear nas motha fhathast airson ruigsinneachd agus com-pàirteachadh do dhaoine òga air feadh na sgìre againn a thàinig thugainn airson an cuid ionnsachaidh agus foghlaim.

An-diugh, tha sinn nar com-pàirteachas de cholaistean agus ionadan rannsachaidh neo-eisimeileach a’ còmhdach na sgìre as motha de oilthigh no colaiste àrainneach sam bith san RA. Is ann againne a tha an sluagh oileanaich as motha ann an Alba, agus cha mhòr 40,000 ag ionnsachadh leinn gach bliadhna, agus bidh sinn a’ cur £560 millean ris an sgìre gach bliadhna, agus sinn a’ cumail suas gu neo-dhìreach 6,200 obair. Mar bhuaidh iomadachaidh, bidh an t-oilthigh a’ cur air ais £4 air gach £1 a thèid a chosg a-steach do dh’eaconamaidhean na Gàidhealtachd is nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt.

Is e a bu thoiseach don chiad chaibideil againn gun deach oifis pròiseact oilthigh a stèidheachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, is gun deach prìomh luchd-obrach a chur an dreuchd agus £33.4 millean a thoirt seachad le Coimisean na Mìle Bliadhna. Bha cruthachadh Institiùd Mìle Bliadhna UHI na chlach-mhìle uile-chudromach san adhartas againn, mar a bha e cuideachd nuair a chaidh tiotal oilthigh a bhuileachadh oirnn leis a’ Chomhairle Dhìomhair, agus nuair a chaidh an t-Àrd Ollamh Seumas Friseal a chur an dreuchd mar a’ chiad Phrionnsapal againn is a h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail mar a’ chiad Seansalair againn.

Is e fàs is leasachadh a bha ri am faicinn san dàrna caibideil againn. Am measg nam prìomh cheuman air aghaidh a thug an com-pàirteachas againn thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh thàinig sinn gu bhith mar a’ bhuidheann ro-innleachdail sgìreil airson foghlam adhartach sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, chaidh còrr is 69% den rannsachadh againn a mheas a bhith ‘air thoiseach aig an ìre dhomhanta’, dh’fhosgail sinn meanbh-àrainn aig Institiùd Innleadaireachd Hunan ann an Sìona agus fhuair sinn cumhachdan na ceuman rannsachaidh againn fhèin a bhuileachadh.

An-diugh, agus an treas caibideil againn a’ tòiseachadh, tha com-pàirteachas an oilthigh aig ìre uile-chudromach na eachdraidh; tha am plana ro-innleachdail làithreach aige ga ùrachadh; feumaidh e a bhith ag obair ann an àrainneachd foghlaim àrd-ìre agus rannsachaidh a tha anabarrach farpaiseach agus caochlaideach, agus tha mì-chinnt ann a thaobh na tha romhainn le COVID-19.

Thèid mise an grèim ris a’ ghnothach mar Phrionnsapal le bhith a’ gabhail ris na dùbhlain sin mar fhìor chothroman. Nam bheachd-sa, bu chòir do dh’àrd-amasan an oilthigh againn a bhith nas fharsainge na am foghlam stèidhichte air àite a th’ aige anns na sgìrean is na coimhearsnachdan aige, agus is e an fheallsanachd a bu chòir a bhith againn ‘am misneach a  bhith eadar-dhealaichte o chàch’. Feumaidh an fheallsanachd seo feum a dhèanamh den lùth againn agus rùintean ùra a shuidheachadh anns na raointean neart againn, is iad sin: foghlam treas-ìre, sàr-mhathas rannsachaidh, iomairt agus com-pàirteachadh.

Chan eil na raointean sin ùr, ach is e a bhitheas ùr an dòigh anns am feum sinn dol an grèim riutha agus an ceangal ris an ro-innleachd ùr againn. Is e a tha a dhìth atharrachadh san dòigh a tha sinn a’ smaoineachadh - rud a tha ar com-pàirteachas air a dheagh uidheamachadh air a shon - timcheall air an amas a bhith a’ dol an sàs barrachd sna coimhearsnachdan againn agus a bhith nas iomairtiche san obair againn.

Tha mi a’ toirt taing dhuibh mar bhall luachmhor de choimhearsnachd nan alumni airson a bhith a’ cur ris an t-soirbheachas a bh’ againn le chèile agus airson ar cuideachadh a’ chlach-mhìle seo a ruigsinn. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri tighinn an coluadair ribh anns na mìosan a tha romhainn agus sinn a’ cumadh treas caibideil na stèidheachd iongantaich seo.

An t-Ollamd Todd Walker
Prionnsapal agus Iar-Sheansalair