Home an leabharlann Stiùireadh

Stiùireadh

Faigh cothrom air goireasan air-loidhne

Cleachd roinn nan goireasan eileagtronaigeach den làraich-lìn seo gus faighinn a-mach mu na goireasan air-loidhne a tha rim faotainn dhutsa. Faodaidh gum bidh goireasan a bharrachd aig an leabharlann ionadail agad a bhiodh freagarrach dhan rannsachadh agad cuideachd.

Thoir luaidh is ainmich tobraichean

Feumaidh oileanaich luaidh a thoirt agus an tobar ainmeachadh anns an obair aca, co-dhiù a bheil an obair air a còmhdach ann an dòigh dhìreach, no a bheil atharrachadh crutha no geàrr-chunntas air a thoirt air na facail. Mur an aithnich thu sealbh inntleachdach chuideigin eile san obair agad bithear ag amharc air seo mar mheàirle-sgrìobhaidh, rud a thèid peanas a chur air le luchd-oideachaidh, luchd-measaidh agus luchd-sgrùdaidh.

Tha tòrr taic ann gus do chuideachadh a bhith a’ faighinn cleachdte ri stoidhle an oilthigh airson thobraichean ainmeachadh.

Airson fiosrachadh bunaiteach mu bhith ag ainmeachadh thobraichean gu ceart, thoir sùil air:

Tha stiùireadh mionaideach mu bhith a’ toirt luaidh agus ag ainmeachadh thobraichean den a h-uile seòrsa bho Achdan Pàrlamaid gu blogaichean ri fhaotainn anns an leabhar-iùl do dh’oileanaich air ainmeachadh thobraichean:

Bidh oileanaich air cùrsaichean eachdraidh a’ cleachdadh stoidhle eile airson thobraichean ainmeachadh, air a bheil Humanities, a’ cleachdadh bhuinn-notaichean agus liosta leabhraichean. Gheibhear stiùireadh air luaidh a thoirt is tobraichean ainmeachadh le bhith a’ leantainn a’ cheangail seo:

Iùl air ainmeachadh thobraichean ann an eachdraidh

Cha bu chòir dhut feum a chur air an stiùireadh seo ach ma tha thu a’ dèanamh cùrsa eachdraidh aig an oilthigh.

//Cuir feum air RefWorks

Cuimhnich! Bidh an t-oilthigh a’ toirt dhut inneal air a bheil RefWorks gus rian a chumail air na tobraichean a tha thu airson ainmeachadh. Sàbhalaidh RefWorks na tobraichean agad air-loidhne agus ’s urrainn dhut an cur ris na measaidhean agad anns an stoidhle Harvard.

Tha inntrigeadh mu bhith a’ cleachdadh RefWorks ri fhaotainn. Tòisich le "Navigating around RefWorks".

Tràith-oideachaidh bhidio: ga chur an sàs agus logadh a-steach; fiosrachadh bunaiteach

Grad-iùil tòiseachaidh

Tràith-oideachaidh air an lìon

RefWorks air innealean eile

Ri a chleachdadh air inneal-làimhe sam bith, a’ gabhail a-steach fònaichean-làimhe is tablaidean.

’S urrainn don leabharlannaiche ionadail agad agus an oilthigh cuideachadh a thoirt dhut cuideachd.