Colaiste Earra-Ghàidheil UHI

Tha Colaiste Earra-Ghàidheil UHI air a suidheachadh air feadh tìr-mòr agus eileanan Earra-Ghàidheil, sgìre anns a bheil bòidhchead nàdarra sònraichte le eadar-dhealachaidhean mòra eadar na diofar phàirtean dhith, agus dlùth cheanglaichean aice ris an dà chuid a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan agus meadhan na h-Alba.

Tha na 13 ionadan againn, aig a bheil goireasan air leth, a’ solar chothroman ionnsachaidh :

bho na bailtean nas motha mar a th' ann an Dùn Omhainn, an t-Òban, Ceann Loch Gilb, Ceann Loch Chill Chiarain agus Baile Bhòid chun nan coimhearsnachdan nas lugha sa Chàrn Dhubh agus Creiginis agus eileanan Arainn, Ìle, Mhuile agus Thiriodh.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Earra-Ghàidheil UHI

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Chuir mi crìoch air an HNC ann an Rianachd agus Teicneòlas Fiosrachaidh o chionn ghoirid agus chan eil teagamh sam bith agam, leis na sgilean a thog mi, nach dèan mi an obair làitheil agam le tuigse fada nas fheàrr. Bha e na chuideachadh dhomh cuideachd, is mi nam Mhanaidsear Ionaid, eòlas a chur air cùrsa bho shealladh an oileanaich. Linda NicLachlainn, Rianachd agus Teicneòlas Fiosrachaidh. Linda NicLachlainn, Rianachd agus Teicneòlas Fiosrachaidh