Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI

Tha Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI air a suidheachadh am meadhan baile margaidh piseachail Inbhir Pheofharain ann an Siorrachd Rois, neadaichte eadar Beinn Uais agus Caolas Chrombaigh. Leis gur e àrainn bheag a th’ againn, bidh an luchd-obrach is na h-oileanaich againn a’ fàs gu math eòlach air chèile, rud a dh’fhàgas gu bheil gnàths teaghlachail agus àrainneachd ionnsachaidh thaiceil ann.

Tha sinn a’ speisealachadh ann

a bhith a’ toirt chothroman a bhith a’ stuidearachd a’ chreidimh Chrìostaidh ann an co-theacs Ath-leasaichte, soisgeulach, neo-bhuidheannach.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Is e colaiste iongantach fhèin air fad a th’ ann - tha gràdh Dhè cho soilleir ri fhaicinn. Tha a h-uile duine cho èasgaidh a chuideachadh, tha an luchd-oide fìor dhealasach mu na modalan aca agus gu math taiceil, is e leabharlannaiche air leth a th’ aca. Is e sochair a th’ ann gu dearbh a bhith nam oileanach aig a' cholaiste. Janet, Oileanach BA

Tha mi taingeil do HTC. Bheir an ionnsachadh againn na sgilean dhuinn a bhith nar miseanaraidhean nas èifeachdaiche. Mike, Ceumnaiche bhon chùrsa BA

Dhomhsa, bha an cùrsa inntrigidh dùbhlanach agus brosnachail agus chòrd e rium gu mòr. Tha a’ cholaiste na àite snog fhèin a bhith ag ionnsachadh agus tha na h-òraidichean fìor mhath agus gu math brosnachail. Jacob, Oileanach air a’ chùrsa inntrigidh

no tadhail air àrainn eile