Colaiste Inbhir Nis UHI

Tha sinn air ar suidheachadh ann am baile bheothail Inbhir Nis. Aig aon àm na dhùn arsaidh, agus a-nis prìomh bhaile na Gàidhealtachd - gheibh thu fàilte chridheil. Mur a robh sin brosnachail gu leòr, ann an 2015 bidh sinn a’ gluasad gu àrainn ùr adhartach, ag atharrachadh ar dòigh obrachaidh agus do dhòigh ionnsachaidh gu tur.

Tha an curraicealam as fharsainge aig an oilthigh againn agus tha sinn a’ speisealachadh ann an caochladh chùrsaichean

a’ gabhail a-steach Rannsachadh, Teisteanasan Àrd Ìre, BSc air-loidhne ann an Eòlas-inntinn, Eòlas Chùisean Chloinne is Òigridh agus Teicneòlas Ailtireil.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Inbhir Nis UHI

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Bidh mi taingeil don luchd-obrach aig Colaiste Inbhir Nis UHI gu bràth airson cho brosnachail ’s a bha iad, gam chuideachadh a bhith far a bheil mi an-diugh. Do dhuine sam bith a tha a’ beachdachadh air cùrsa a dhèanamh aig a’ cholaiste, chan urrainn dhomh a moladh gu leòr. Donna Fitzpatrick, Ceumnaiche bhon BSc ann an Coimpiutaireachd a-nis ag obair aig Fujitsu Inbhir Nis

Chaidh a’ cholaiste a mholadh dhomh le fastaiche a bh’ agam a bha na coilltear agus cuideachd na oileanach. Ghabh mi a chomhairle agus nach e a bha ceart. “Còrdaidh e riut gu mòr an Inbhir Nis” Stiùbhart Jeffrey, HND ann an Coilltearachd