Colaisde a’ Chaisteil UHI

Tha Colaisde a' Chaisteil UHI anns na h-Eileanan an Iar. Tha a' phrìomh àrainn air a suidheachadh ann an 600 acair de dh’fhearann air iomall baile-puirt Steòrnabhaigh le àrainnean a bharrachd ann am Barraigh, Beinn na Faoghla agus Loch nam Madadh.

Tha ionadan sàr-mhathais againn ann

an rannsachadh lùth ath-nuadhachail, leasachadh slàinte agus leasachadh dùthchail, agus tha sinn a’ speisealachadh ann an àireamh de chùrsaichean a’ gabhail a-steach: PDA ann an Siostaman Lùth Ath-nuadhachail, Eòlas Slàinte, Ceòl, Gàidhlig, Innleadaireachd Lùith agus Foghlam/rannsachadh cleachdaidhean teagaisg

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaisde a’ Chaisteil UHI

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Chan eil àit' a b' fheàrr air an smaoinichinn airson ealain ionnsachadh ann an àrainneachd nàdarra cho beairteach agus le structar ionnsachaidh agus teagaisg a tha cho taiceil. Rebecca Cotton, BA ann an Ealain Fhìnealta

Gun teagamh sam bith ’s urrainn dhomh a ràdh gu bheil na h-òraidichean aig a’ cholaiste dìreach mìorbhaileach. Tha e iongantach fhèin math cho dealasach ’s a tha iad air ar son mar oileanaich agus cho dìorrasach ’s a tha iad gun coilion sinn uiread ’s as urrainn dhuinn! Carol NicIlleathain, Eòlas Slàinte, Sòisealta agus Cùisean Chloinne

Fhuair mi mòran às an àm anns an robh mi nam oileanach aig Colaisde a' Chaisteil UHI agus leis an fharsaingeachd de chùrsaichean a tha ri am faotainn agus am measgachadh de dhaoine de dhiofar aoisean air a’ chùrsa, tha rudeigin ann don a h-uile duine a tha airson a adhartachadh fhèin gu h-acadaimigeach no a thaobh fèin-leasachadh pearsanta. Crìsdean Dòmhnallach, BEng ann an Innleadaireachd Lùith