Colaiste Mhoireibh UHI

Tha prìomh àrainn Cholaiste Mhoireibh UHI ann an seann chathair-bhaile Eilginn, baile beothail le goireasan spòrs agus sòisealta air leth agus ceanglaichean goireasach air an trèana agus an rathad-mòr ri Inbhir Nis agus Obar Dheathain.

Tha sinn a’ speisealachadh ann an caochladh chùrsaichean a’ gabhail a-steach

Coimpiutaireachd, Innleadaireachd Lùith, Saidheans na h-Àrainneachd, Obair-aodaich Ealain Fhìnealta agus Eòlas Slàinte. Aig an àrainn an Eilginn cuideachd tha aon de chòig sgoiltean ealain na h-Alba - Sgoil Ealain Mhoireibh - agus Acadamaidh na h-Aoigheachd agus na Turasachd.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Mhoireibh UHI

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Tha deagh chliù aig Colaiste Mhoireibh UHI airson maiseachadh, agus goireasan air leth cuideachd, rud a leigeas leinn fìor ghnàth-eòlas a chosnadh. Tha mi a’ faireachdainn gu math fortanach cothrom a bhith agam air goireasan cho math. Audrey Uallas, HNC ann am Maiseachadh

Nuair a chuireas mi crìoch air a’ chùrsa agam, tha mi airson obair a lorg mar theicneòlaiche far-tìre, no is dòcha cumail orm ag ionnsachadh agus BEng ann an Innleadaireachd Lùith a dhèanamh aig a’ cholaiste. Steven King, HND ann an Siostaman Innleadaireachd

Tha an luchd-obrach taice aig a’ cholaiste mìorbhaileach. Tha iad coibhneil cuideachail agus bha creideas aca annam ged nach biodh creideas agamsa annam fhèin. Palash Abdul, Cleasachd agus Dealbh-chluicheadaireachd