Ionad Mara NAFC UHI

Tha Ionad Mara NAFC UHI ri taobh na mara ann am baile eachdraidheil Sgalabhagh, ceanna-bhaile àrsaidh Shealtainn. Tha ceanglaichean cultarach làidir aig na h-eileanan ri Lochlann agus is e àite bòidheach, beothail a th’ann, an dà chuid a bhith ag ionnsachadh agus a’ fuireach ann.

Bidh Ionad Mara NAFC UHI a’ tabhann trèanadh a rèir iarrtasan sònraichte;

rannsachadh, leasachadh agus cuartachadh eòlais; co-chomhairleachadh le eòlaichean agus ghoireasan ùr-nodha. Am measg an luchd-dèiligidh againn tha na roinnean maraireachd, iasgaich, innleadaireachd, tuathanachais-uisge agus saidheans agus gnìomhachasan eile a tha a’ tighinn am bàrr a dh’fhaodadh cur ri leasachadh seasmhach.

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Tha an cùrsa a’ còrdadh rium gu mòr gu ruige seo. Tha na h-uile a tha mi ag ionnsachadh gu math inntinneach agus tha mi a’ dèanamh fiughair ris a’ chiad chuairt aig muir. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ dol an sàs sa ghnothach agus beagan gnàth-eòlais a chosnadh. Lewis Ross-Smith, Foghlamaiche Clàr-uachdair sa Chabhlach Mharsantach

Tha e a’ còrdadh rium glan. Gu ruige seo, dh’ionnsaich mi mu dheidhinn obair air bàtaichean, a’ ghnìomhachais chuantaich agus saidheans maraireachd. Is e an ath cheum seo a chleachdadh aig muir, rud a tha mi a’ coimhead air adhart ris gu mòr. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn àitean eadar-dhealaichte agus a’ cur na dh’ionnsaich mi gu feum. Adam Finlayson, Foghlamaiche Clàr-uachdair sa Chabhlach Mharsantach