Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI

Tha ceithir àrainnean aig Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI, agus iad sgapte air feadh taobh tuath na h-Alba. Tha dà àrainn againn ann an Gallaibh, dà ann an Cataibh, aon ann an Inbhir Ùige, Dòrnach agus Alanais agus am prìomh àrainn againn ann an Inbhir Theòrsa.

The sinn a' speisealachadh ann an àireamh de chuspairean, a' gabhail a-steach

Eòlas Eich, Eachdraidh, Stiùireadh Goilf, Ceòl, Innleadaireachd, Turasachd agus Aoigheachd.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Bha an luchd-oide gu math taiceil agus bidh iad a’ co-oibreachadh gu dlùth le fastaichean ionadail. Fhuair mi preantasachd le AMC Engineering mar thoradh air an eòlas a fhuair mi air a’ chùrsa. Jake Anderson

Bidh mi a’ cleachdadh ghoireasan na colaiste gu tric agus tha gu leòr dhiubh ri làimh nuair a bhios tu feumach orra. Tha cothrom air coimpiutairean ann an seòmraichean nan goireasan ionnsachaidh, agus mar sin faodaidh tu tighinn a-steach agus obair a dhèanamh aig àm a bhios freagarrach dhut fhèin. Tha leabharlann na colaiste gu sònraichte math agus na àite feumail airson obair a dhèanamh. Jamilee Gunn