Colaiste Pheairt UHI

Agus i air a suidheachadh air iomall deas sgìre bhòidheach na Gàidhealtachd, tha Colaiste Pheairt UHI uaibhreach às an àrainn oileanaich bheothail a th’ aice ann am baile eachdraidheil togarrach. Tha àrosan againn a chaidh a thogail gu sònraichte do dh’oileanaich air an àrainn cho math ri aonadh oileanaich beothail.

Tha sinn a’ speisealachadh ann an àireamh de chuspairean, agus nam measg tha

Innleadaireachd Itealain, Innleadaireachd Chlaisneach, Ceòl agus Leasachadh Seasmhach Sgìrean Beanntach

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Pheairt UHI

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Is ann air loidhne a tha an cùrsa agamsa sa mhòrchuid agus mar sin bidh mi ag ionnsachadh nuair a thogras mi fhèin, a rèir nan gnothaichean eile a bhios agam ri an dèanamh. Chuir mi romham gun tiginn chun Cholaiste Pheairt UHI a thaobh ’s nach eil astar fada agam ri tighinn à Fìobha agus a thaobh ’s gun robh mi ag iarraidh leasachadh a thoirt orm fhèin agus air an rèis-obrach agam. Tha an cùrsa agam inntinneach leis nach ann dìreach mun aon ghnothach a bhios duine ag ionnsachadh, agus na dh’ionnsaich mi mu na reusain a bhios daoine a dèanamh mar a bhitheas iad, is urrainn dhomh a chur gu feum sa ghnàth-shaoghal. Cuidichidh an teisteanas leam an obair fhaotainn a tha mi ag iarraidh, an dà chuid a thaobh eòlas acadaimigeach agus a thaobh dearbhadh gu bheil mi dealasach gu leòr a bhith a’ cumail ri rud a thòisich mi is gun do dh’ionnsaich mi amasan a chur romham agus a thoirt gu buil. Tha a h-uile duine gu math càirdeil agus èasgaidh a chuideachadh; mholainn Colaiste Pheairt UHI do dhuine sam bith airson eòlas a leudachadh, misneach a thogail agus càirdean a dhèanamh. Lynsey Pearson, BA (Urram) Saidheansan Sòisealta

no tadhail air àrainn eile