Comann Saidheans Mara na h-Alba UHI

Tha SAMS UHI air thoiseach am measg ionadan rannsachaidh mara neo-eisimeileach na RA; agus e air a shuidheachadh ann am bàgh Dhùn Staidhinis air oirthir an iar na h-Alba, sgìre a tha cudromach airson dàibheadh agus seòladh agus faisg air beantann Ghlinn Chomhainn.

Ionad sàr-eòlais ann an saidheans àrainneachd na mara a tha aithnichte aig an ìre eadar-nàiseanta

Tha SAMS UHI a’ lìbhrigeadh rannsachadh a tha air thoiseach ann an saidheans shiostaman na mara. Am measg nan cuspairean rannsachaidh làithreach tha: atharrachadh sa ghnàth-shìde, lùth mara ath-nuadhachail agus an Artaig.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Comann Saidheans Mara na h-Alba UHI

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Is e aon de na roghainnean as fheàrr a rinn mi riamh, tighinn do SAMS gus saidheans mara a dhèanamh. Tha an luchd-teagaisg càirdeil agus air thoiseach ann an saidheans. Ged as ann ann am baile beag air taobh siar na Gàidhealtachd a tha SAMS air a shuidheachadh, chan eil sin ga fhàgail idir marbhanta: tha dìorras agus spionnadh san àite a chuireas spreigeadh annad. Peadar Mac an Tàilleir, oileanach PhD

Is e a bhith a’ dol a Svalbard rud a mhaireas buan nam chuimhne. Bha an àrainneachd cho diofraichte bho àite sam bith eile... B' e a bhith a’ coinneachadh ri daoine às gach ceàrn den t-saoghal aon de na pàirtean a b' fheàrr den ghnothach... Bha a' bheatha shòisealta ann an Longyearbyen air leth math. Jill NicColla, Ceumnaiche

Tha mo nighean air a bhith eòlach air sgìre an Obain fad a beatha agus b' e a miann is a dùrachd a fhuair i nuair a fhuair i an cothrom fuireach agus ionnsachadh an sin. Rinn i imrich 400 mìle bho a dachaigh ach cha robh i fada mun do shocraich i i fhèin agus mun do rinn i caraidean ùra. Bha an cùrsa BSc aig SAMS ann an Saidheans Mara inntinneach le caochladh diofar eileamaidean ann, agus thug e fàs air na bh' aice de chomas is de mhisneach ann an iomadh dòigh. Tha i a-nis ann an Nirribhidh a’ dèanamh cùrsa Maighstir agus tha i an dùil tilleadh do dh’Earra-Ghàidheil nuair a chuireas i crìoch air. Is urrainn dhomh SAMS UHI a mholadh do dhuine sam bith a tha a’ beachdachadh air a bhith ag ionnsachadh mun t-saoghal againn. John Peterson