Colaiste Shealtainn UHI

Agus i air a suidheachadh anns na h-Eileanan as fhaide tuath ann am Breatann, is e àite togarrach a th’ann an Colaiste Shealtainn UHI, an dà chuid a bhith ag ionnsachadh agus a’ fuireach ann, le goireasan foghlaim air leth agus beatha shòisealta agus cultarach bheothail.

Tha sinn a’ speisealachadh ann an àireamh de chùrsaichean a’ gabhail a-steach

Obair Aodaich an Latha an-Diugh, Rannsachadh Arcaibh is Shealtainn agus Eachdraidh agus Arc-eòlas na h-Alba.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Shealtainn UHI

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Tha e gu math fosgailte agus neo-eisimeileach agus tha e an urra riut fhèin, agus mholainn gu mòr e. Sean Elphinstone, BSc ann an Coimpiutaireachd Oileanach àrd-fhoghlaim na bliadhna

Tha Colaiste Shealtainn UHI glè mhath air a bhith a’ cur fios a dh’ionnsaigh oileanaich mu ghnìomhachdan/tachartasan aig a’ cholaiste agus mar as urrainn dhaibh pàirt a ghabhail annta. O chionn ghoirid, bha mi ann an Nirribhidh ag obair ann an sgoil-àraich fad trì seachdainean, cothrom a fhuair mi tron cholaiste. Fhuair mi mòran às a bhith a’ gabhail pàirt anns an iomlaid, agus cha dìochuimhnich mi e riamh. Vanessa Mainland, Foghlam Tràth is Cùram-chloinne

Tha mi 2 bhliadhna aig a’ cholaiste a-nis. Chan eil mise ach pàirt-ùine an seo a chionn ’s gun e pàirt de phreantasachd ann an saorsainneachd a th’ ann. Aig deireadh a’ chùrsa bidh seata de sgilean feumail agam agus teisteanas aithnichte. Tha mi air ùr chrìochnachadh sa cholaiste ach bidh mi a’ tilleadh gus Ceàird Adhartach a dhèanamh. Theo Jamieson, Saorsainneachd Oileanach foghlam adhartach na bliadhna

no tadhail air àrainn eile