Sabhal Mòr Ostaig UHI

Agus i ri taobh na mara ann an ceann-tìre Shlèite an taobh a deas an Eilean Sgitheanaich, tha an àrainn againn ann an suidheachadh àlainn aig cridhe coimhearsnachd far am bi mòran dhaoine a' bruidhinn na Gàidhlig a h-uile latha. Tha cothrom aig a h-uile oileanach làn-ùine air àitean-fuirich agus solarachd air leth air an àrainn fhèin.

Tha sinn a’ speisealachadh ann an àireamh de chuspairean a’ gabhail a-steach

Cànan is Cultar na Gàidhlig, Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta agus Gàidhlig agus na Meadhanan. Is e na cùrsaichean ceuma againne na h-aon chùrsaichean ceuma ann an Alba a bhios gan teagasg gu tur tro mheadhan na Gàidhlig.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Sabhal Mòr Ostaig UHI

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Thàinig mi gu Sabhal Mòr Ostaig air cùrsa goirid an toiseach, airson dà sheachdain tron t-Samhradh, às dèidh crìoch a chur air àrd-sgoil. Chòrd e rium glan a bhith ag ionnsachadh a’ chànain, agus air sgàth ’s gur e seo an aon cholaiste far am bi na clasaichean uile air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, chan eil mi a’ smaointinn gu bheil àite nas fheàrr ann airson an cànan a thogail. Bha ùidh agam ann an ionnsachadh a’ chànain oir ’s e fìdhlear a th’ annam, agus tha Gàidhlig na pàirt chudthromach de cheòl traidiseanta na h-Alba, agus pàirt mhòr den chultar againn cuideachd. Lisa Moyes

Thàinig mi gu Sabhal Mòr Ostaig air sgàth ’s gun robh mi a’ faicinn deagh chothrom a bhith leasachadh mo chuid Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig a th’ againn an seo. Bha mi a’ sireadh dòigh èifeachdach air an cànan a thogail oir bha mo chuid chloinne ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus bha mi ag iarraidh gum biodh cothrom aca air a cleachdadh aig an taigh. Tha cothrom ann a bhith ga cleachdadh anns an h-uile suidheachadh ann an seo, agus bha sin air leth feumail dhomh ann a bhith a’ togail a’ chànain. Heather Clyne

Thàinig mi gu Sabhal Mòr airson mo chuid Ghàidhlig a bhrosnachadh agus ‘s e àite gu math eadar-dhealaichte a th’ ann oir tha e a’ toirt cothrom do dhaoine a bhith ann an àrainn Ghàidhlig far am faigh daoine an cothrom am bogadh fhèin sa chànan. Fhad ‘s a bha mi aig an t-Sabhail rinn mi a’ chùrsa TBh, an Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig. ’S e cùrsa air leth a th’ anns a chùrsa seo, agus tha e ainmeil airson nan cothroman a tha e a’ leasachadh airson a h-oileanach a tha an sàs ann. Le iomadh eòlaiche bhon gnìomhachas gar teagasg, tha sinn a’ faighinn blasad sònraichte de na diofar eileamaidean air a’ chùrsa. Stephen MacLeòd