Colaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI

Tha Colaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI a’ tairgsinn foghlam ann an 10 ionadan colaiste air feadh taobh siar na Gàidhealtachd. Nam measg seo tha an àrainn as motha againn sa Ghearastan – prìomh bhaile na Rìoghachd Aonaichte airson chur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh – a tha cuairtichte leis na seallaidhean as bòidhche air nàdar agus fo sgàil Bheinn Nibheis, a’ bheinn as àirde san Rìoghachd Aonaichte.

A bharrachd air a’ chùrsa cheuma shuaicheanta againn ann an Stiùireadh Dàn-thurasachd

tha cothrom air caochladh chùrsaichean aig ìre cheuma agus for-cheum às gach pàirt de lìonra UHI. Am measg nan cùrsaichean speisealta againn tha Stiùireadh Dàn-thurasachd agus Ceòl Gnìomhaichte.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI

Na bhios na h-oileanaich againn ag ràdh

Chan eil teagamh nach eil suidheachadh na colaiste air fear de na feartan as fheàrr a th’ aice. Air na làithean dheth agad no an dèidh do chuid òraidean bidh gu leòr a dhaoine tìtheach falbh a-mach feadh nan cnocan a bhith ri coiseachd, rothaireachd, streap is eile, le pailteas chlubaichean a chumas trang thu feadh nan ceann-seachdain agus fiù ’s feadhainn a’ toirt sgrìob air falbh a h-uile mìos. Ach is e as fheàrr buileach gu bheil slighe sìos sliabh rothaireachd bheinne Chuach an Domhain sa Ghearastan dìreach air sleac an dorais! Chaidh gabhail rium le oilthigh eile, ach is e a bha a dhìth orm gu fìor comas a bhith agam mo chuid ionnsachaidh acadaimigich a mheasgachadh le gnàth-eòlas. Is e seo an dearbh rud a tha an cùrsa BA ann an Stiùireadh Dàn-thurasachd sa Ghearastan a’ tairgsinn, leis a’ bhuannachd a bharrachd gum bi duine ag ionnsachadh ann an suidheachadh ciatach. Agus mi a-nis an seamastar mu dheireadh na 4mh bliadhna, tha sgilean, eòlas agus fiosrachadh air an cosnadh agam a bheir dhomh cothroman san àm a tha romham. Alastair Buchanan, BA (Urram) Stiùireadh Dàn-thurasachd