Colaiste Arcaibh UHI UHI
Is ann ann am Baile na h-Eaglais ann an Eileanan Arcaibh a tha Colaiste Arcaibh UHI sa mhòr-chuid le darna àrainn ann an Stromness agus ionadan ionnsachaidh anns na h-eileanan nas lugha. Ann am Baile na h-Eaglais tha àrainn ùr, a chaidh a thogail a dh’aona ghnothach mar cholaiste, agus i a’ dèanamh coimhearsnachd chàirdeil, le measgachadh de dh’oileanaich à diofar dhùthchannan.
Tha sinn a’ speisealachadh ann an àireamh de chùrsaichean a’ gabhail a-steach
Arc-eòlas, Obair Aodaich Ealain Fhìnealta, Rannsachadh Arcaibh is Shealtainn, Ceòl Gnìomhaichte agus Rannsachadh nan Lochlannach.
Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Arcaibh UHI UHI
Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh
Tha an ceum litreachais a’ tabhann sùbailteachd is saorsa mòr a thaobh nan cuspairean as urrainn dhut a sgrùdadh agus mun urrainn dhut sgrìobhadh. Is e a tha a’ dèanamh a’ chùrsa cho sònraichte gu bheil e a’ coimhead ri cruthan ùra litreachais agus leabhraichean a tha tearc, a thuilleadh air clasaigeachd. Tha e a’ toirt cothrom dhut air do bheachdan a chur an cèill mu na sgeulachdan as toigh leat, a thuilleadh air eòlas beairteach air litreachas bho dhràma tràth gu sgeulan-dàin nuadh-aimsireil.
Morgan Geddes-Ward, oileanach 3mh bliadhna BA (Urram) ann an Litreachas
Bha mi air mo ghlacadh leis an taghadh chuspairean; bho thrèanadh proifeiseanta ann an altan leithid suirbhidheadh geo-fiosaigeach gu clasaichean cuspaireach eachdraidheil le cuspairean cho eadar-mheasgte ri cultar stuthach nan Lochlannach, no cleachdaidhean tiodhlacaidh. Fiù nas motha na sin bha an cothrom air na h-altan agus na modhan rannsachaidh sin a chur an gnìomh ann an làraichean sònraichte mu thimcheall eileanan Arcaibh.
Ian Clements, ceumnaiche MSc ann an Cleachdadh Arc-eòlasach
B’ e coileanadh fìor mhòr a bh’ ann dhòmhsa a bhith a’ buannachadh farpais seudraidh. Thug Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba agus Ortak cothrom do na h-oileanaich uile anns a’ ghnìomhachas chruthachail bho air feadh Alba, cothrom air raon seudraidh a chruthachadh a bha a’ nochdadh eachdraidh agus dìomhaireachd Maeshowe leis an dealbhadh soirbheachail ga shaothrachadh agus ga reic air-loidhne agus sna bùithtean aca. B’ e suidheachadh dì-chreidte a bha seo dhòmhsa agus tha mi a’ faireachdainn cho sochairichte a bhith a’ faicinn mo dhealbhaidhean air an toirt bho sgeidsichean air pàipear troimhe gu na pìosan seudraidh deireannach agus air an saothrachadh le Ortak. Gun teagamh sam bith, cuidichidh seo a dh’ionnsaigh an taobh cleachdaidh proifeiseanta den chùrsa agam agus bidh e a’ coimhead math air an CV agam.
Norna Nic na Ceàrdaich, oileanach 3mh bliadhna BA (Urram) ann an Obair-aodaich Ealain Ghrinn