Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI

Tha Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI air a suidheachadh am meadhan baile margaidh piseachail Inbhir Pheofharain ann an Siorrachd Rois, neadaichte eadar Beinn Uais agus Caolas Chrombaigh. Leis gur e àrainn bheag a th’ againn, bidh an luchd-obrach is na h-oileanaich againn a’ fàs gu math eòlach air chèile, rud a dh’fhàgas gu bheil gnàths teaghlachail agus àrainneachd ionnsachaidh thaiceil ann.

Tha sinn a’ speisealachadh ann

a bhith a’ toirt chothroman a bhith a’ stuidearachd a’ chreidimh Chrìostaidh ann an co-theacs Ath-leasaichte, soisgeulach, neo-bhuidheannach.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI

Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh

Ma tha fìor ùidh agad ann an cuspair agus tu ag iarraidh sgrùdadh nas làidire a dhèanamh air agus cothrom agad fuireach aig an taigh, tha an t-oilthigh seo a’ tabhann raon farsaing de chuspairean àrd-chàileachdail a tha furasta an inntrigeadh. Rinn mise sgrùdadh BA (Urram) ann an Saidheansan Sòisealta ann an Colaiste Inbhir Nis UHI bho 2008 gu 2011. Rè an ama sin, chuir mi ùine thlachmhor seachad mar Cheann-suidhe air Aonadh Crìosdail an oilthighe agus tha mi an seo a-nis a-rithist a’ sgrùdadh diadhaireachd. Is e a bhith comasach fuireach san dachaigh agus sgrùdadh a dhèanamh am prìomh adhbhar gun do thagh mi an t-oilthigh seo.

Mark Boag, oileanach BA (Urram) ann an Eòlas Diadhaireachd

Is e an obair bho sheachdain gu seachdain an nì as fheàrr leam mun chùrsa. Tha sinn a’ faighinn liosta de ghnìomhan-obrach – leabhraichean is artaigilean rin leughadh, òraidean rin coimhead, uaireannan fiu ceòl ri èisteachd  – co-cheangailte ri tèama na seachdaine sin, ri dhèanamh mus dèan sinn deasbad orra nar seiminear. Is fìor thoigh leam a bhith a’ dèanamh an rannsachaidh airson nan aistean eachdraidh agus a bhith a’ fàs glaicte ann an ceist, a’ co-dhùnadh mar a nì mi deasbad air a’ phuing agam agus gam phutadh fhìn gus feuchainn ri dèanamh nas fheàrr gach turas.  Tha gach nì sùbailte san oilthigh seo: àite, ruigsinneachd agus am prògram sgrùdaidh nach fhaighinn an àite sam bith eile, agus tha am modh taic do dh’oileanaich air ciallachadh gum b’ urrainn dhomh cumail a’ dol fiù nuair a bha mo shuidheachadh pearsanta a’ dèanamh sgrùdadh duilich dhomh.

Beth Fhriseal / oileanach BA (Urram) ann an Eachdraidh is Diadhaireachd

Fhad ’s a bha mi ag ionnsachadh, ghabh mi modalan greis-gnìomhachais os làimh a bha stèidhichte air eòlasan ministrealachd ann an dà cho-theacsa diofraichte bho Alba: eaglais frith-bhailteach ann an Canada, agus carthannas Crìosdail a bha a’ toirt taic do dhaoine ann am bochdainn no beò le ciorraman ann an Romàinia. Chaidh ‘Oileanach Diadhaireachd Gàidhealach na Bliadhna’ a bhuileachadh orm cuideachd fhad ’s a bha mi ag ionnsachadh agus bha sin na bhrosnachadh mòr dhomh … cha do bheachdaich mi orm fhìn a-riamh mar neach acadaimigeach an dèidh dhomh an sgoil fhàgail, mar sin b’ e an ceum agam an dùbhlan bu mhotha a bh’ agam sa phròiseas fharsaing de thrèanadh mhinistearan Eaglais na h-Alba.

Mike Robasdan / ceumnaiche BA (Urram) ann an Eòlas Diadhaireachd agus a-nis minister paraiste Eaglais Barn ann an Cùil Lodair

  • Mark Boag
  • Beth Fraser | Beth Fhriseal
  • Mike Robertson | Mike Robasdan