Colaiste Earra-Ghàidheil UHI

Tha Colaiste Earra-Ghàidheil UHI air a suidheachadh air feadh tìr-mòr agus eileanan Earra-Ghàidheil, sgìre anns a bheil bòidhchead nàdarra sònraichte le eadar-dhealachaidhean mòra eadar na diofar phàirtean dhith, agus dlùth cheanglaichean aice ris an dà chuid a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan agus meadhan na h-Alba.

Tha na 10 ionadan againn, aig a bheil goireasan air leth, a’ solar chothroman ionnsachaidh :

bho na bailtean nas motha mar a th' ann am Baile Eilidh, Dùn Omhainn, an t-Òban, Ceann Loch Gilb, Ceann Loch Chill Chiarain agus Baile Bhòid chun nan coimhearsnachdan nas lugha sa Chàrn Dhubh, Ìle agus Mhuile.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Earra-Ghàidheil UHI

Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh

Bha mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn a dhol a Ghlaschu a dh’ionnsachadh ach an dèidh coimhead ris na roghainnean a bh’ agam, chuir mi romham a dhol a Cholaiste Earra-Ghàidheal UHI on bha e na b’ fhaisge dom dhachaigh agus mar sin bha comas agam m’ obair agus mo dhealasan saor-thoileach a fhreagairt mun cuairt an obair ionnsachaidh agam.

Emma Roxburgh, ceumnaiche ann an Eòlas Chloinne is Òigridh

Thagh mi Coimpiutaireachd HNC oir bha e a’ tabhann an t-susbaint cùrsa a bha a dhìth orm agus a’ ceadachadh dhomh m’ ionnsachadh a dhèanamh nam bhaile dhachaigheil.  Ma tha thu a’ beachdachadh air d’ oileanachadh fhaighin ann an Colaiste Earra-Ghàidheal UHI, chanainn riut sin a dhèanamh oir tha oidean sàr-mhath againn a tha a’ lìbhrigeadh susbaint a’ chùrsa ann an dòigh a tha fìor inntinneach! Bidh spòrs is fealla-dhà agam sa chlas cuideachd leis na h-oidean agus mo cho-oileanaich.

Màrtainn Henricksen, oileanach Coimpiutaireachd HNC

Chòrd na deasbadan co-labhairt bhidio rium gu mòr leis an oide agam oir shaoileadh tu gun robh sinn san aon rùm. Bha i air leth taiceil leis na sgrùdaidhean air-loidhne agam. 

Tha mi air eòlas fhaotainn ann an suidheachadh àite-obrach a tha air cuideachadh anns na h-obraichean cùram-chloinne agus dannsa a th’ agam an-dràsta.  Nì seo tagradh airson dhreuchdan nas fhasa cuideachd oir tha e a’ taisbeanadh eòlas a fhuair mi roimhe.

Sarah Blacklaw, ceumnaiche HNC ann an Tràth-Fhoghlam agus Cùram-chloinne

  • Emma Roxburgh
  • Martin Henricksen | Màrtainn Henricksen
  • Sarah Blacklaw