Colaiste Inbhir Nis UHI

Tha sinn air ar suidheachadh ann am baile bheothail Inbhir Nis. Aig aon àm na dhùn arsaidh, agus a-nis prìomh bhaile na Gàidhealtachd - gheibh thu fàilte chridheil. Mur a robh sin brosnachail gu leòr, ann an 2015 bidh sinn a’ gluasad gu àrainn ùr adhartach, ag atharrachadh ar dòigh obrachaidh agus do dhòigh ionnsachaidh gu tur.

Tha an curraicealam as fharsainge aig an oilthigh againn agus tha sinn a’ speisealachadh ann an caochladh chùrsaichean

a’ gabhail a-steach Rannsachadh, Teisteanasan Àrd Ìre, BSc air-loidhne ann an Eòlas-inntinn, Eòlas Chùisean Chloinne is Òigridh agus Teicneòlas Ailtireil.

Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh

Thagh mi an t-oilthigh an dèidh coimhead ri molaidhean air-loidhne airson chùrsaichean dràma air feadh Alba agus e buailteach a bhith a’ faotainn nan ath-sgrùdaidhean a b’ fheàrr.  Tha an ìre gu bheil sinn a’ conaltradh ris na h-òraidichean againn a’ còrdadh rium gu mòr agus mar a tha na clasaichean againn air an teagasg. Tha àrainn na colaiste làn de luchd-obrach a tha taiceil agus tha mòran ghoireasan fìor mhath ann dhuinn a dh’aindeoin a bhith air sgèile nas lugha.

Iona NicIllinnein, oileanach HNC ann an Cleasachd is Gnìomhadh

Tha com-pàirteachadh sa chùrsa air buaidh mhòr a thoirt air mo bheatha. Bha mi arson gluasad air adhart le dleastanas stiùiridh nas motha. Tha e air mo chlann a chuideachadh gu tuigse nas fheàrr air cudromachd ùine a chur mu seach airson sgrùdadh agus na dorsan a dh’fhaodas foghlam adhartach fhosgladh. Tha ionnsachadh air-loidhne aig d’ astar fhèin na dhòigh mhìorbhaileach air sgrùdadh, gu h-àraid nuair a tha e air a chothlamadh le taic bho luchd-oideachaidh cuideachail is fiosrachail.  Tha a bhith a’ cur d’ ionnsachadh an sàs ann an dòigh phractaigeach a’ toradh ann an comas air ceannardas is stiùireadh gu h-èifeachdach.

Calum Armstrong, ceumnaiche MSc ann an Ceannardas is Stiùireadh agus Stiùir Innleadaireachd ann an Eòlas Theachdaichean aig LifeScan Alba

B’ e an co-chothrom eadar ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh agus òraidean sa chlas còmhla ris a’ ghreis-gnìomhachais a tha riatanach san dàrna bliadhna, na taobhan a b’ fheàrr leam den chùrsa; tha an t-eòlas a tha thu a’ faotainn gun phrìs.  Tha mi a’ faireachdainn gur e a’ bhliadhna greis-gnìomhachais a tha sinn a’ dèanamh as adhbhar gu bheil sinn a’ faotainn cosnadh dìreach às dèidh dhuinn ceumnachadh. Tha tadhalan air làraichean nam prìomh phàirt de ar sgrùdaidhean a tha a’ neartachadh ar n-ionnsachaidh agus ar tuigse don ghnìomhachas.

Annabel Mhàrtainn, oileanach BSc (Urram) ann an Stiùireadh Coilltearachd

  • Iona Mclennan | Iona NicIllinnein
  • Malcolm Armstrong | Calum Armstrong
  • Annabel Martin | Annabel Mhàrtainn