Colaiste Mhoireibh UHI

Tha prìomh àrainn Colaiste Mhoireibh UHI ann an seann chathair-bhaile Eilginn, baile beothail le goireasan spòrs agus sòisealta air leth agus ceanglaichean goireasach air an trèana agus an rathad-mòr ri Inbhir Nis agus Obar Dheathain.

Tha sinn a’ speisealachadh ann an caochladh chùrsaichean a’ gabhail a-steach

Coimpiutaireachd, Innleadaireachd Lùith, Saidheans na h-Àrainneachd, Obair-aodaich Ealain Fhìnealta agus Eòlas Slàinte. Aig an àrainn an Eilginn cuideachd tha aon de chòig sgoiltean ealain na h-Alba - Sgoil Ealain Mhoireibh - agus Acadamaidh na h-Aoigheachd agus na Turasachd.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Mhoireibh UHI

Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh

Bha an cùrsa na cho-chothromachd fìor mhath eadar dealbhadh is còdadh. Bha mi air leth toilichte leis an ìre san robh na h-òraidichean an sàs nam sgrùdaidhean agus chuidich na clasaichean nas lugha le bhith a’ toirt cothrom air faisg air oideachadh aon-ri-aon.  Eadar mo sgrùdaidhean san dàrna agus san treas bliadhna, rinn mi greis-gnìomhachais samhraidh ann an Stiuidiothan an Hunted Cow mar Dhealbhaiche Structar Gheamannan.  Chaidh dreuchd làn-thìde a thabhann dhomh às dèidh sin mar neach-ealain 3D.  Cha robh mi air a chur romham a bhith ann an gnìomhachas nan geamannan ach dh’fhosgail na Meadhanan Eadar-obrachail mo shùilean don mheasgachadh de shlighean a dh’fhaodadh tu a ghabhail.

Natalie Seivwright, ceumnaiche BA (Urram) ann am Meadhanan Eadar-obrachail

Is toigh leam an stoidhle teagaisg shocair, neo-fhoirmeil agus furasta ionnsachadh bhuaipe a tha aig na h-òraidichean againn. Tha sinn a’ faighinn mòran saorsa cuideachd airson obair a leasachadh nar farsaingeachd stiuidio fhèin.

 

Dosi Dimchovski, oileanach BA (Urram) ann an Ealain Ghrinn, à Bulgàiria bho thùs

Tha co-chothrom eadar teòiridh is cleachdadh – le greisean-gnìomhachais ann am bun-sgoiltean ionadail, taobh ri taobh mhodalan air an teagasg sa cholaiste, le beagan ionnsachaidh air astar – a’ ceadachadh do dh’oileanaich an eòlas teagaisg a neartachadh fhad ’s a tha iad a’ gabhail a’ phrìomh ionnsachaidh os làimh. Tha cuimse làidir air sgrùdadh neo-eisimeileach, le cuideam air brosnachadh oileanaich gu bhith a’ leasachadh an raointean ùidhe fhèin agus a’ comharrachadh an neartan agus an raointean airson leasachadh, bho ìre glè thràth.

Emily Michell, ceumnaiche Dioplòma Cheumnaichean Proifeiseanta ann am Foghlam (Bun-sgoil) agus a-nis a’ teagasg ann am Bun-sgoil a’ Bhroich

  • Natalie Seivwright
  • Dosi Dimchovski
  • Emily Michell