Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI

Tha ceithir àrainnean aig Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI, agus iad sgapte air feadh taobh tuath na h-Alba. Tha dà àrainn againn ann an Gallaibh, dà ann an Cataibh, aon ann an Inbhir Ùige, Dòrnach agus Alanais agus am prìomh àrainn againn ann an Inbhir Theòrsa.

The sinn a' speisealachadh ann an àireamh de chuspairean, a' gabhail a-steach

Eòlas Eich, Eachdraidh, Stiùireadh Goilf, Ceòl, Innleadaireachd, Turasachd agus Aoigheachd.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI

Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh

Is e mo chomhairle do thìde a ghabhail ann an co-dhùnadh dè a sgrùdas tu agus rudeigin a lorg a tha fios agad a chòrdas riut chun an deiridh.  Às dèidh na h-àrd-sgoile, cha robh beachd sam bith agam dè bha mi airson a dhèanamh agus thug e beagan bhliadhnaichean dhomh ga obrachadh a-mach, ach b’ fhiach e e aig deireadh gnothaich cùrsa a lorg a tha a’ còrdadh rium. B’ e seo an cùrsa ceart dhomh oir ’s e cuspair a th’ ann an gnothachas a tha a’ còrdadh rium a bhith ag ionnsachadh barrachd mu dheidhinn, agus cuidichidh e mi ann ann coileanadh m’ àrd-amas a bhith a’ ruith mo ghnothachas fhìn.

Sean Frame, oileanach BA (Urram) ann an Gnothachas is Stiùireadh, àrainn Inbhir Theòrsa

Chuidich an cùrsa mi gu sgilean a thaobh daoine, eich agus gnothachas a leasachadh, a tha feumail nam dhreuchd làithreach ag obair ann an ionad mharcachd air a’ Ghàidhealtachd.  A thaobh dhreuchdan-beatha agus cosnadh, tha mòran obraichean ann an gnìomhachas nan each aig a bheil feum air na sgilean a tha an cùrsa oilthighe seo a’ tabhann.

Caitrìona Duthie, ceumnaiche BA (Urram) ann an Stiùireadh Gnothachas Eich, àrainn Hàcraig

Le buidheachas don cheum Goilf Proifeiseanta, tha mi comasach air m’ eòlas gnìomhachais a leasachadh fhad ’s a tha mi a’ cluich do sgioba goilf an oilthighe.  Is e an nì as fheàrr leam, ùine a bhith agam goilf a chluich fhad ’s a tha mi a’ neartachadh nan sgilean practaigeach a dh’fheumar airson a bhith ag obair mar phroifeiseantach goilf.

Riccardo Cellerino às an Eadailt, oileanach BA (Urram) ann an Goilf Proifeiseanta aig àrainn Dhòrnaich

  • Sean Frame
  • Catherine Duthie
  • Riccardo Cellerino