Colaiste Pheairt UHI

Agus i air a suidheachadh air iomall deas sgìre bhòidheach na Gàidhealtachd, tha Colaiste Pheairt UHI uaibhreach às an àrainn oileanaich bheothail a th’ aice ann am baile eachdraidheil togarrach. Tha àrosan againn a chaidh a thogail gu sònraichte do dh’oileanaich air an àrainn cho math ri aonadh oileanaich beothail.

Tha sinn a’ speisealachadh ann an àireamh de chuspairean, agus nam measg tha

Innleadaireachd Itealain, Innleadaireachd Chlaisneach, Ceòl agus Leasachadh Seasmhach Sgìrean Beanntach

Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh

Bha mi aig mullach a’ chlas leis a’ chuibheas phuingean a b’ àirde agus chaidh duaisean an dà chuid Rannsachadh Oileanach na Bliadhna UHI agus Pròiseact Rannsachaidh Obrachail Innleadaireachd Itealain a bhuileachadh orm. Sa Chèitean 2016, chaidh Sgoilearachd Iar-Cheum Urras Carnegie a thabhann dhomh agus tha mi a-nis a’ gabhail os làimh MSc ann an Obrachaidhean is Stiùireadh Còmhdhail Adhair fhad ’s a tha mi ag obair aig Port-adhair Ghlaschu mar rianadair itealaidhean agus co-òrdanaiche geata. Tha mi nam thosgaire do bhoireannaich ann an itealanachd agus STEM agus tha mi air grunn thaisbeanaidhean a thoirt seachad aig tachartasan dhreuchdan agus òraidean ag adhartachadh itealanachd, foghlam adhartach, agus boireannaich ann an innleadaireachd.

Rebekah NicBhatair, ceumnaiche BA (Urram) ann an Innleadaireachd Itealain agus gu làithreach oileanach MSc ann an Obrachaidhean is Stiùireadh Còmhdhail Adhair

Tha susbaint a’ chùrsa farsaing agus sònraichte don ghnìomhachas ciùil, nì a tha mìorbhaileach. Tha prògram òraidean air aoigheachd ann a tha a’ toirt cothrom dhuinn coinneachadh ri proifeiseantaich gnìomhachais agus tha eòlas gnìomhachais aig na h-òraidichean uile le eòlas ana-mhòr agus luchd-aithne. Tha na goireasan àrainn leithid stiuidiothan clàraidh, siostaman fuaime, seòmraichean ruith-thairis agus tallaichean-cluiche fìor mhath cuideachd.

Daniel Vescio, oileanach BA (Urram) ann an Gnothachas Ciùil

B’ e susbaint a’ chùrsa am prìomh nì a rinn e ceart dhomh, ach meud nan clasaichean cuideachd.  Bha beagan eagail orm bho bhith nam shuidhe ann an talla mhòr òraidean ach chan eil sin agad le clasaichean VC.  Bha mi air beachdachadh air oilthighean eile ach bha susbaint a’ chùrsa a bha ga thabhann an seo nas dlùithe do na bha mi ag iarraidh a sgrùdadh. Is e a’ chomhairle a bheirinn spòrs a bhith agad, eòlas a chur air daoine eile air a’ chùrsa agad agus gun eagal a bhith ort cuideachadh iarraidh aig àm sam bith.

Lucy Brayson, oileanach BA (Urram) ann an Arc-eòlas

  • Rebekah Watson | Rebekah NicBhatair
  • Daniel Vescio
  • Lucy Brayson